tv

Fuincseanan agus co-aontaran ceàrnanachA' fuasgladh cho-aontaran ceàrnanach

Nì fuincsean ceàrnanach graf paraboilig. Gabhaidh na feartan obrachadh a-mach bhon sgeidse aige agus a chaochladh. Fuasglaidh tu co-aontaran ceàrnanach le factaradh no leis an fhoirmle cheàrnanach.

Part of MatamataigSgilean ailseabrach

A' fuasgladh cho-aontaran ceàrnanach

Nuair a bhios sinn a' fuasgladh co-aontar ceàrnanach, 's ann dìreach a' lorg nam freumhan a bhios sinn – far a bheil am parabola a' gearradh an x-axis. Mar sin nuair a tha an graf air a tharraing againn, tha e glè fhurasta seo a dhèanamh.

Eisimpleir

A' cleachdadh a' ghraf gu h-ìosal, fuasgail an co-aontar ceàrnanach.

Graph of a quadratic equation to solve x² - 2x - 3 = 0

Freagairt

Le coimhead air a' ghraf, chì sinn gu bheil na freumhan aig (-1, 0) agus (3, 0). Mar sin tha \(x = - 1\,agus\,x = 3\).

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Fuasgail an co-aontar ceàrnanach \({x^2} - 6x + 8\) le bhith a' cur crìoch air a' chlàr gu h-ìosal, a' comharrachadh nam puingean agus a' tarraing a' pharabola, agus an uair sin a' leughadh nam freumhan bhon ghraf.

\(x\)012345
\(y = {x^2} - 6x + 8\)8...............
\(x\)\(y = {x^2} - 6x + 8\)
08
1...
2...
3...
4...
5...

Related links