tv

Fuincseanan agus co-aontaran ceàrnanachA' fuasgladh cho-aontaran ceàrnanach

Nì fuincsean ceàrnanach graf paraboilig. Gabhaidh na feartan obrachadh a-mach bhon sgeidse aige agus a chaochladh. Fuasglaidh tu co-aontaran ceàrnanach le factaradh no leis an fhoirmle cheàrnanach.

Part of MatamataigSgilean ailseabrach

A' fuasgladh cho-aontaran ceàrnanach

Seo na dòighean air co-aontaran ceàrnanach fhuasgladh:

  1. le factaradh
  2. gu grafaigeach
  3. le foirmle ceàrnanach
  4. le discriminant

A' factaradh

Thoir sùil air Nàiseanta 5 - Factaradh mus lean thu ort.

Nuair a dh'iarras ceist ort co-aontar ceàrnanach 'fhuasgladh,' tha sin a' ciallachadh gum feum thu freumhan a' cheàrnanaich obrachadh a-mach. No ga ràdh ann an dòigh eile, càit a bheil am parabola a' gearradh an x-axis?

Bhon a bhios graf a' gearradh na h-axis nuair a tha an co-chomharra-y aig neoni, bidh sinn ag ionadachadh \(y = 0\) a-steach dhan cho-aontar cheàrnanach agus a' cleachdadh ailseabra airson fhuasgladh.

Eisimpleir

Fuasgail \({x^2} - 9x + 20 = 0\)

Feumaidh sinn an trì-theirmeach fhactaradh.

Air fhactaradh 's e seo \((x - 4)(x - 5) = 0\).

Tha \((x - 4)\) agus \((x - 5)\) air an iomadachadh a' toirt dhuinn neoni. Mar sin feumaidh gu bheil aon de na camagan co-ionann ri neoni.

\((x - 4) = 0\)

\(x = 0 + 4\)

\(x = 4\)

agus

\((x - 5) = 0\)

\(x = 0 + 5\)

\(x = 5\)

Mar sin 's e \(x = 4\,agus\,x = 5\) freumhan nan co-aontaran ceàrnanach.

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Fuasgail \({x^2} + x - 6\)

Related links