tv

Fuincseanan agus co-aontaran ceàrnanachAg aithneachadh feartan fuincsean ceàrnanach

Nì fuincsean ceàrnanach graf paraboilig. Gabhaidh na feartan obrachadh a-mach bhon sgeidse aige agus a chaochladh. Fuasglaidh tu co-aontaran ceàrnanach le factaradh no leis an fhoirmle cheàrnanach.

Part of MatamataigSgilean ailseabrach

Ag aithneachadh feartan fuincsean ceàrnanach

Anns a' phàirt seo chan fheum thu sgeidse a dhèanamh dhen ghraf, agus 's dòcha fiù 's gun tèid sgeidse a thoirt dhut.

Airson co-aontar ceàrnanach san riochd \(y = k{(x - a)^2} + b\), tha an diagram a leanas a' sealltainn nam prìomh fheartan:

Diagram of a quadratic equation graph

Ma tha k > 0, 's e an gob a' phuing-tionndaidh as ìsle

Ma tha k < 0, 's e an gob a' phuing-tionndaidh as àirde

'S urrainn dhuinn na feartan seo aithneachadh bho cho-aontar no graf ceàrnanach.

Eisimpleir

Tha puing-tionndaidh (3, -2) aig a' ghraf gu h-ìosal. Sgrìobh nàdar na puing-tionndaidh agus co-aontar an axis-cothromachaidh.

Diagram of a turning point graph

Freagairt

Tha a' phuing-tionndaidh as ìsle aig (3, -2) air a' pharabola seo. 'S e \(x = 3\) co-aontar an axis-cothromachaidh.

Question

Airson a' pharabola \(y=(x+6)(x-4)\) lorg na co-chomharran agus nàdar na puing-tionndaidh agus co-aontar na loidhne-cothromachaidh.

Question

Bhon cho-aontar \(y = - {(x + 4)^2} - 5\), sgrìobh na co-chomharran agus nàdar na puing-tionndaidh agus co-aontar an axis-cothromachaidh.

Related links