tv

Co-aontar loidhne dhìreach

'S e an coitcheann aig loidhne dhìreach \(y = mx + c\), far an e \(m\) an caisead agus \((0,c)\) na co-chomharran aig an .

Thoir sùil air an earrainn Nàiseanta 4 Loidhne dhìreach mus lean thu ort.

Obraichidh sinn a-mach co-aontar loidhne dhìreach nuair a bhios fios againn air a' chaisead agus puing air an loidhne leis an fhoirmle:

\(y - b = m(x - a)\)

far an e \(m\) an caisead le \((a,b)\) air an loidhne.

Eisimpleir

Obraich a-mach co-aontar na loidhne le caisead 3, a tha a' dol tro (4, 1).

Freagairt

A' cleachdadh \(y - b = m(x - a)\) le m = 3, a = 4 agus b = 1.

\(y - 1 = 3(x - 4)\)

\(y - 1 = 3x - 12\)

\(y = 3x - 11\)

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Lorg co-aontar na loidhne a tha a' dol tro na puingean A(-2, 0) agus B(1, 6) agus ainmich an caisead agus an trasnadh-y.

Related links