±«Óătv

A' toirt chamagan air falbh

Airson a bhith a' toirt chamagan air falbh, iomadaich an teirm air taobh a-muigh na camaig le gach teirm taobh a-staigh nan camagan.

Canar Lagh an Sgaoilidh ris a' phròiseas a tha a' toirt nan camagan air falbh.

Thoir sĂąil air a' chaibideil NĂ iseanta 4 Lagh an Sgaoilidh mus lean thu ort.

An seo, tha sinn a' cur còmhla iomadachadh a-mach chamagan agus cruinneachadh theirmean co-choltach airson abairtean ailseabrach a shìmpleachadh.

Coimhead air na ceistean gu h-ìosal.

Question

Meudaich agus sìmplich:

\(3(x + y) + 2(x + y)\)

Question

Meudaich agus sìmplich:

\(4(2p + 7) + 6(8q - 2)\)

Question

Meudaich agus sìmplich:

\(9(2x + 3) - 3(5x + 1)\)

Question

Meudaich agus sìmplich:

\(5(3p+2) -2 (4q+3)\)

Eisimpleirean le co-èifeachd-x

1. Thoir air falbh na camagan san abairt:

\(4x(x + 5)\)

Tha an abairt seo a' ciallachadh gu bheil a h-uile dad taobh a-staigh nan camagan air iomadachadh le \(4x\).

\(= (4x \times x) + (4x \times 5)\)

\(= 4{x^2} + 20x\)

2. Iomadaich a-mach na camagan ann an \(3a(2a + 1)\):

\(= (3a \times 2a) + (3a \times 1)\)

\(= 6{a^2} + 3a\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Iomadaich a-mach na camagan ann an \(5y(3 - y)\)

Question

Thoir na camagan air falbh bho \(4w(3w - 2y)\)

Related links