tv

Ag obrachadh a-mach cosgais aontan creideis

Glè thric, nuair a bhios tu a' cleachdadh aonta creideis, feumaidh tu àirleas a phàigheadh an toiseach agus an còrr ann an sùimean mìosail. Airson a' chosgais gu lèir aig aonta creideis obrachadh a-mach, feumaidh tu an t-àirleas agus na sùimean mìosail gu lèir a chur-ris.

Eisimpleir

Tha Tbh ùr a' cosg \(\pounds690\). Tha i ri faotainn le aonta creideis le àirleas de \(15\%\) a phàigheadh is an uair sin 12 sùimean mìosail de \(\pounds55.85\).

Obraich a-mach cosgais an aonta creideis gu lèir agus an t-sùim a phàigheadh tu a bharrachd (thairis air prìs an airgid) le aonta creideis.

An toiseach obraich a-mach an t-àirleas:

Àirleas \(= 15\%\) de \(\pounds690\)

\(= \frac{15}{100}\) de \(\pounds690\)

\(= 15 \times \pounds6.90\)

\(= \pounds103.50\)

Feumaidh sinn a-nis sùim iomlan nan sùimean mìosail obrachadh a-mach:

Sùimean mìosail \(= \pounds55.85 \times 12\)

\(= \pounds670.20\)

Faodaidh sinn a-nis a' chosgais gu lèir airson an aonta creideis obrachadh a-mach:

Cosgais aonta creideis = àirleas + sùimean mìosail

\(= \pounds103.50 + \pounds670.20\)

\(= \pounds773.70\)

Mu dheireadh obraichidh sinn a-mach an diofar eadar cosgais an aonta creideis agus a' phrìs ann an airgead:

Pàighte a bharrachd = cosgais aonta creideis – prìs ann an airgead

\(= \pounds773.70 - \pounds690\)

\(= \pounds83.70\)

Question

Tha cluicheadair DVD a' cosg \(\pounds240\) ann an airgead.

Tha e ri fhaotainn le aonta creideis le àirleas de \(20\%\) agus 12 sùimean mìosail de \(\pounds18.50\).

Obraich a-mach an t-sùim a bharrachd a bhiodh ri phàigheadh le aonta creideis.

Related links