tv

Ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr

Nuair a bhios tu a' dol a cheannach rud, bu chòir dhut fiosrachadh co-choltach a choimeas eadar an nì no an t-seirbheis sin, na cumhachan agus prìs an nì.

Air a' cheann thall thèid co-dhùnadh a dhèanamh le bhith a' coimeas diofar rudan, ach bidh a' phrìs air fear dhe na prìomh rudan.

Le rud sam bith a bhios tu a' coimeas, tha e nas fheàrr co-dhiù a dhà dhe gach seòrsa rud a choimeas.

Eisimpleir a h-Aon - Cùmhnant fòn

Tha Sajid an dùil cùmhnant ùr fhaighinn airson fòn-làimhe.

Ann am mìos bidh Sajid a' cur air falbh mu \(700\) teacsa agus bidh e a' cleachdadh \(300\) mionaid a' fònadh.

Tha trì roghainnean aige:

Three mobile device package options displayed on posters. A boy working out which deal is the best in a thought bubble.
Companaidh ACompanaidh BCompanaidh C
Teacsan300 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd500 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd1000 an-asgaidh. \(20sg\) airson gach teacsa a bharrachd
òԲ500 mionaid an-asgaidh: \(20sg\) airson gach mionaid a bharrachd200 mionaid an-asgaidh: \(15sg\) airson gach mionaid a bharrachd\(10sg\) airson gach mionaid
Cosgais cùmhnant mìosail\(\pounds25\)\(\pounds25\)\(\pounds25\)
Teacsan
Companaidh A300 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd
Companaidh B500 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd
Companaidh C1000 an-asgaidh. \(20sg\) airson gach teacsa a bharrachd
òԲ
Companaidh A500 mionaid an-asgaidh: \(20sg\) airson gach mionaid a bharrachd
Companaidh B200 mionaid an-asgaidh: \(15sg\) airson gach mionaid a bharrachd
Companaidh C\(10sg\) airson gach mionaid
Cosgais cùmhnant mìosail
Companaidh A\(\pounds25\)
Companaidh B\(\pounds25\)
Companaidh C\(\pounds25\)

Nan taghadh Sajid fòn stèidhichte air an tairgse as saoire airson cleachdadh tuairmeasach, dè an companaidh a bu chòir dha a thaghadh?

Tha cùmhnant gach companaidh a' cosg \(\pounds25\) sa mhìos.

Bhon a tha sin an aon rud aig gach companaidh, faodaidh sinn a' chosgais seo fhàgail às nuair a bhios sinn a' dèanamh coimeas.

Cosgais Companaidh A

Gheibheadh Sajid \(300\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(400\) teacsa a bharrachd.

Cosgais teacsa \(= 400 \times 5sg = 2000sg = \pounds20\)

Gheibheadh Sajid \(500\) mionaid an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.

Cosgais fònadh \(= \pounds0\)

Cosgais iomlan \(= \pounds20\)

Cosgais Companaidh B

Gheibheadh Sajid \(500\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(200\) teacsa.

Cosgais teacsa \(= 200 \times 5sg = 1000sg = \pounds10\)

Gheibheadh Sajid \(200\) mionaid an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(100\) mionaid.

Cosgais fònadh \(= 100 \times 15sg = \pounds15\)

Cosgais iomlan \(= \pounds10 + \pounds15 = \pounds25\)

Cosgais Companaidh C

Gheibheadh Sajid \(1000\) teacsa an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.

Cosgais teacsa \(= \pounds0\)

Chan fhaigheadh Sajid mionaidean an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(300\) mionaidean.

Cosgais fònadh \(= 300 \times 10sg = 3000sg = \pounds30\)

Cosgais iomlan \(= \pounds30\)

'S ann aig Companaidh A a tha an tairgse a b' fheàrr airson cleachdadh tuairmeasach Sajid.

Related links