±«Óãtv

  • A' làimhseachadh ionmhas

    • A' buidseatadh

      'S e buidseatadh liosta de theachd-a-steach is de chosgaisean thar ùine no tachartas sònraichte. Leis an liosta, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu theachd-a-steach is mu chosgais rè ùine.

    • Teachd-a-steach

      Tha teachd-a-steach a' ciallachadh sùim pàighidh aontaichte 'son ùine aontaichte. Faodaidh teachd-a-steach cuideachd riadh bho chunntasan-sàbhalaidh, creideasan cìse is sochairean a ghabhail a-steach.

    • Am bargan as fheàrr

      Nuair a bhios tu a' dol a cheannach rudeigin bu chòir dhut am bargan as fheàrr fhaighinn le bhith coimeas an fhiosrachaidh mun nì no mun t-seirbheis, na cumhachan a th' air an tairgse is prìs an nì.

    • Ag atharrachadh airgead

      Ro thuras a-null thairis, feumar tric d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol. Airson sin obrachadh a-mach, tha reatan iomlaid ann. Uaireannan bi coimisean ri phàigheadh.

    • ÃŒrean rèidh

      Ma tha airgead air iasad, bidh an riadh ga chur-ris an airgead a tha ri phàigheadh air ais. Ma tha airgead air a shàbhaladh, bidh an riadh ga chur-ris an t-sùim iomlan.