tv

Riadh sìmplidh thar bloigh de bhliadhna

Mura tèid airgead fhàgail ann an cunntas banca airson bliadhna shlàn, cha tèid ach bloigh dhen riadh a phàigheadh.

Eisimpleir

Obraich a-mach an riadh a gheibh Damon air \(\pounds40\) ma dh'fhàgas e anns a' bhanca e aig riadh de \(8.5\%\) sa bhliadhna airson sia mìosan.

Freagairt

Riadh airson aon bhliadhna \(= 8.5\%\) de \(\pounds40\)

\(= \frac{{8.5}}{{100}} \times 40\)

\(= \pounds3.40\)

Riadh airson sia mìosan \(= \frac{1}{2}\,de\,\pounds3.40\) ('S e sia mìosan \(\frac{6}{12}\) de bhliadhna)

\(= \pounds1.70\)

Balans ùr:

\(= \pounds40 + \pounds1.70\)

\(= \pounds41.70\)

Gheibh Damon \(\pounds1.70\) ann an riadh.

Question

Tha \(\pounds560\) aig Eliza. Chuir i e ann an cunntas banca a tha a' pàigheadh riadh aig \(3.7\%\) sa bhliadhna.

Dh'fhàg i e sa bhanca airson dà mhìos.

Dè na tha de dh'airgead aig Eliza a-nis?

Related links