tv

Ag obrachadh taobh a-staigh buidseat

Aig an taigh, san obair agus san sgoil, tha e glè chudromach obrachadh taobh a-staigh buidseat.

'S e buidseatadh nuair a nì thu liosta de theachd-a-steach agus de chosgaisean thar ùine no airson tachartas sònraichte.

Nuair a bhios tu air an liosta a dhèanamh, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu airgead a thig a-steach no a choisinneas tu, agus na chosgas tu a rèir a' bhuidseat seo.

A' planadh airson tachartas

Nuair a bhios buidseat agad, faodaidh tu a chleachdadh airson cosgaisean a thaobh tachartasan sònraichte a phlanadh.

Nuair a bhios tu a' dol air saor-làithean, no a' sàbhaladh airson tachartas sònraichte, tha plana sàbhalaidh uabhasach feumail.

Eisimpleir a h-aon

An-uiridh chaidh an teaghlach Watters dhan Spàinn airson dà sheachdain.

Chosg am plèana agus rumannan san taigh-òsta \(\pounds2500\). Dh'obraich a' Bh-uas Watters a-mach na cosgaisean airson biadh agus cuairtean agus bha sin \(\pounds900\) airson dà sheachdain. Chuir àrachas, tagsaidhean bhon phort-adhair agus air ais agus càr air mhàl \(\pounds430\) eile ri cosgais nan saor-làithean.

Tha an teaghlach airson a dhol air ais am-bliadhna agus tha iad airson sùimean co-ionann a shàbhaladh thar an ath dheich mìosan airson pàigheadh airson nan saor-làithean.

Question

A rèir na chosg na saor-làithean an-uiridh, dè dh'fheumadh an teaghlach a shàbhaladh gach mìos?

Eisimpleir a dhà

Fhuair a' Bh-uas Watters a-mach gu bheil cosgais na plèan agus cosgais an taigh'-òsta air a dhol suas \(20\%\) am-bliadhna.

Two glasses of juice showing a 20% increase to represent the annual cost increase of a holiday.

Question

Obraich a-mach dè dh'fheumas an teaghlach a shàbhaladh gach mìos airson pàigheadh airson cosgais ùr nan saor-làithean aca.

Related links