tv

A' coimeas prìsean an aonaid

Glè thric bidh bathar ann am pacaidean de dhiofar meudan is phrìsean. Tha e feumail prìs an aonaid a choimeas mus co-dhùin thu dè am meud pacaid a cheannaicheas tu.

Eisimpleir

Tha gràn bracaist ann am pacaidean de thrì meudan.

3 boxes of cereal of various size and price: 500g £3.15 375g £2.85 250g £2.05

Dè a' phacaid sa bheil an luach airgid as fheàrr?

Freagairt

Cosgais aonaid pacaid bheag \(= 205\) sgillinn \(\div 250 = 0.82\) sgillinn gach gram

Cosgais aonaid pacaid mheadhain \(= 285 \div 375 = 0.76\) sgillinn gach gram

Cosgais aonaid pacaid mhòr \( = 315 \div 500 = 0.63\) sgillinn gach gram

'S e a' phacaid mhòr as saoire gach gram, agus mar sin seo an luach as fheàrr.

3 paint tins of different size and price: 1 litre £7.60 (small) 2.5 litres £15.80 (medium) 5 litres £26.50 (large)

Question

Dè an tiona as fheàrr luach?

Related links