tv

Eisimpleir a Dhà – Cosgais parcadh aig port-adhair

Tha an teaghlach Watters a' dràibheadh chun a' phort-adhair nuair a tha iad a' dol air saor-làithean.

Bhon a tha am plèan aca a' fàgail tràth sa mhadainn, tha iad a' dol a dh'fhuireach ann an taigh-òsta faisg air a' phort-adhair an oidhche ron àm.

Tha iad an dùil a bhith air saor-làithean airson \(10\) latha.

Tha trì roghainnean aca:

Cosgais rùm san taigh-òstaCosgais parcaidh
Taigh-òsta A\(\pounds125\)\(\pounds5\) gach latha
Taigh-òsta B\(\pounds75\)\(\pounds7.50\) gach latha
Taigh-òsta C\(\pounds140\)An-asgaidh
Taigh-òsta A
Cosgais rùm san taigh-òsta\(\pounds125\)
Cosgais parcaidh\(\pounds5\) gach latha
Taigh-òsta B
Cosgais rùm san taigh-òsta\(\pounds75\)
Cosgais parcaidh\(\pounds7.50\) gach latha
Taigh-òsta C
Cosgais rùm san taigh-òsta\(\pounds140\)
Cosgais parcaidhAn-asgaidh

Dè an taigh-òsta a thaghas an teaghlach Watters ma tha iad ag iarraidh an luach as fheàrr airson an airgid?

Cosgais taigh-òsta A

Cosgais iomlan = cosgais rùm san taigh-òsta + cosgais parcaidh

\(= \pounds125 + 10\) latha aig \(\pounds5\) gach latha

\(= \pounds125 + 10 \times £5\)

\(= \pounds125 + £50\)

\(= \pounds175\)

Cosgais taigh-òsta B

Cosgais iomlan = cosgais rùm san taigh-òsta + cosgais parcaidh

\(= \pounds75 + 10\) latha aig \(\pounds7.50\) gach latha

\(= \pounds75 + 10 \times \pounds7.50\)

\(= \pounds75 + \pounds75\)

\(= \pounds150\)

Cosgais taigh-òsta C

Cosgais iomlan = cosgais rùm san taigh-òsta + cosgais parcaidh

\(= \pounds140\) + parcadh an-asgaidh

\(= \pounds140\)

Tha Taigh-òsta C a' tabhann an luach as fheàrr airson an airgid.

Question

Nam biodh an teaghlach Watters air saor-làithean airson \(7\) latha, an taghadh iad an aon taigh-òsta?

Related links