tv

B' e lannsair a bh' ann an Seumas Barry. Thug obair e air feadh an t-saoghail. Ach bha toiseach beatha Sheumais Barry gu math eadar-dhealaichte.

Faigh a-mach mu bheatha an lannsair Seumas Barry.

Loidhne-tìm - Seumas Barry
Seumas Barry
Image caption,
Seumas Barry

Cò bh' ann an Seumas Barry?

  • Rugadh Seumas Barry mar Mairead Anna Bulkley ann an Corcaigh ann an ceann a deas Èirinn mu 1789.

  • B' e pàiste comasach a bh' ann am Mairead Anna Bulkley, agus bha comas aice a bhith na dotair. Gu mì-fhortanach, cha robh cead ach aig fir leigheas a sgrùdadh aig an àm ud.

  • Ann an 1809, ghabh Mairead oirre ainm agus riochd ùr fon ainm Seumas Barry agus chaidh i a dh'Oilthigh Dhùn Èideann na h-oileanach ann an dotaireachd.

  • Thug Seumas a-mach a bhith na dhotair ann an 1812 agus bha e ag obair ann an Ospadal Naoimh Thòmais ann an Lunnainn airson sia mìosan.

  • Ann an 1813 bha e na lannsair san arm agus bha e a' siubhal air feadh an t-saoghail, a dh'àiteachan mar Ameireaga a Deas agus na h-Innseachan an Iar.

  • Bhiodh Seumas gu math greannach uaireannan, agus aon turas, chaidh e a dh'argamaid ris an nurs ainmeil Florence Nightingale!

  • Chaochail Seumas Barry ann an 1865 agus b' ann dìreach an uair sin a fhuair daoine a-mach gum b' e Mairead Bulkley a bh' ann an toiseach.

Seumas Barry
Image caption,
Seumas Barry
Dealbh de Sheumas Barry agus e òg
Image caption,
Dealbh de Sheumas Barry agus e òg

Carson a bha Seumas Barry cudromach?

  • B' e Seumas Barry a' chiad dotair san RA a rugadh mar bhoireannach, ach cha robh fios aig duine air an sin aig an àm.

  • Shiubhail e air feadh Ìmpireachd Bhreatainn mar lannsair airm.

  • Bha ùidh aig Barry ann an slàinte a' phobaill – an àite a bhith a' leigheas dhaoine a bha tinn, dh'fheuch e rin cumail fallain tro chor beatha na b' fheàrr, biadh fallain agus uisge glan ri òl.

  • Bhiodh Seumas Barry a' gabhail fearg nuair a chitheadh e daoine ann an suidheachadh mì-fhallain, ach glè thric bhiodh an fhearg ga fhaighinn ann an trioblaid.

  • Mu dheireadh fhuair e àrdachadh dreuchd mar Sgrùdaire Coitcheann nan ospadal armailteach ann an Canada.

Dealbh de Sheumas Barry agus e òg
Image caption,
Dealbh de Sheumas Barry agus e òg

Seirbheis Sheumais Barry air feadh Ìmpireachd Bhreatainn

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic