tv

B' e reul-eòlaiche a bh' ann am Williamina Fleming a sgrùd agus a mhap còrr is 10,000 rionnag.

Faigh a-mach mar a ghluais Williamina Fleming bho bhith na searbhanta gu bhith na reul-eòlaiche.

Loidhne-tìm mu bheatha Wlliamina Fleming
Williamina Fleming, Reul-eòlaiche
Image caption,
Williamina Fleming, Reul-eòlaiche

Cò bh' innte?

Rugadh Williamina ann an Dùn Dèagh air 15 Cèitean 1857.

Dh'fhàg i an sgoil aig 14 agus thug i a-mach a bhith na tidsear.

An dèidh dhi fhèin agus dhan duine aice gluasad a dh'Ameireaga ann an 1878, dh'fhàs Williamina trom. Dh'fhàg an duine i, agus bha aig Williamina ri obair fhaighinn airson gun deigheadh aice air i fhèin agus an leanabh a chumail.

Fhuair i obair na searbhanta aig an Àrd-ollamh Eideard Pickering. Bha esan os cionn an amharc-lann aig Oilthigh Harvard faisg air Boston. Bha an amharc-lann ga cleachdadh airson suidheachadh nan rionnagan a mhapadh.

Cha robh dà bhliadhna ann mus do thairg an t-Àrd-ollamh Pickering obair ùr do Williamina, ga chuideachadh a' mapadh nan rionnagan.

B' e à a bh' ann an Williamina san obair ùir aice. Bha aice ri bhith a' dearbhadh dhealbhan de rionnagan a bha uabhasach fad às, agus bha aice ri dòigh a lorg air am fiosrachadh a chur ann an òrdugh.

Chaochail i ann am Boston air 21 Cèitean 1911.

Williamina Fleming, Reul-eòlaiche
Image caption,
Williamina Fleming, Reul-eòlaiche
Nebula Ceann an Eich
Image caption,
Nebula Ceann an Eich

Carson a bha i cudromach?

Smaoinich i air dòigh air rionnagan a ò󲹻 a rèir soillse agus meud na rionnaig. Tha seo fhathast air a chleachdadh an-diugh.

Lorg i còrr is 400 rionnag agus nithean eile anns an fhànas.

B' e Nebula Ceann an Eich an nì a b' ainmeile a lorg i. 'S e sgòth gas a th' ann an nebula. Tha an fhear seo car coltach ri ceann eich!

B' ise a' chiad neach a lorg troich geal. 'S e troich geal na th' air fhàgail nuair a losgas rionnag a tha meud na grèine againne às.

Dh'obraich Williamina gus dreuchdan do bhoireannaich ann an saidheans a bhrosnachadh. Shaoil i nam faigheadh boireannaich cothrom air an aon thrèanadh ri fir, gun dèanadh iad an obair pailt cho math.

Nebula Ceann an Eich
Image caption,
Nebula Ceann an Eich

Saoghal Williamina – cuid dhe na h-àiteachan agus dhe na daoine a bha cudromach dhi

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Dealbh dathte de Amharc-lann Reul-eòlais Harvard, Tha an dealbh seo a' sealltainn Amharc-lann Reul-eòlais Harvard tràth san Naoidheamh Linn Deug.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic