tv

Bha Bhictòria na Banrigh air an Rìoghachd Aonaichte airson 68 bliadhna bho 1837 gu 1901. Dh'atharraich Alba agus beatha mhuinntir na h-Alba ann an iomadh dòigh anns an ùine seo.

Image caption,
Thug nuadh-innleachdan, mar an t-einnsean-smùide, agus fàs ghnìomhachasan mar na muilnean cotain, mòran dhaoine a dh'fhuireach agus a dh'obair a bhailtean agus a mhòr-bhailtean ann an Alba. Bha an t-einnsean smùide seo a' toirt cumhachd dha na muilnean ann an Lannraig Nuadh agus air Abhainn Chluaidh.

Bhon dùthaich dhan bhaile

Chaidh factaraidhean agus muilnean a thogail air sgàth Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais agus dh'fhàs gnìomhachasan ùra ann an Alba.

Bha muilnean a' chotain agus an diut, obair iarainn agus àԲ, à𲹲-Բ agus factaraidhean nan trèanaichean smùide a' cur feum air luchd-obrach. Bha na gnìomhachasan sin an urra ri gual airson connadh, agus bha feum air luchd-obrach anns na mèinnean guail cuideachd.

Ro Mhòr-chaochladh a' Ghnìomhachais, bha an sluagh ann an Alba sgaoilte air feadh na dùthcha. Bha na mòr-bhailtean gu math na bu lugha na tha iad an-diugh. Bha a' mhòr-chuid a' fuireach ann am bailtean beaga agus ann an clachain, agus gan cumail fhèin tro àٱ𲹳󲹲.

B' e beatha dhoirbh a bh' ann an àٱ𲹳󲹲. Mar sin, ghluais mòran dhaoine dha na bailtean agus iad a' coimhead airson obair le pàigheadh agus dòigh-beatha na b' fheàrr. Mar sin, dh'fhàs cuid de mhòr-bhailtean Alba, leithid Dhùn Dè, Dùn Èideann agus Glaschu na bu mhotha gu math luath. Chaidh Alba bho bhith na h-eaconamaidh ùٳ󳦳󲹾 gu bhith na h-eaconamaidh bhailteil.

Image caption,
Thug nuadh-innleachdan, mar an t-einnsean-smùide, agus fàs ghnìomhachasan mar na muilnean cotain, mòran dhaoine a dh'fhuireach agus a dh'obair a bhailtean agus a mhòr-bhailtean ann an Alba. Bha an t-einnsean smùide seo a' toirt cumhachd dha na muilnean ann an Lannraig Nuadh agus air Abhainn Chluaidh.
Ìomhaigh ann an Cataibh air a' Ghàidhealtachd dhan fheadhainn a rinn eilthireachd aig àm nam Fuadaichean
Image caption,
Ìomhaigh ann an Cataibh air a' Ghàidhealtachd dhan fheadhainn a rinn eilthireachd aig àm nam Fuadaichean.

Na Fuadaichean

Cha do ghluais a h-uile duine bhon dùthaich ann an Alba len toil. B' fheudar iomadh duine air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an dùthaich fhàgail air sgàth Fuadach nan Gàidheal.

Canar na Fuadaichean ris an àm nuair a bha croitearan agus tuathanaich air an cur far an fhearainn. Thachair seo air sgàth 's gun dèanadh na h-uachdarain barrachd airgid bho thuathanas chaorach na dhèanadh iad bho bhith ga leigeil a-mach air mhàl ri croitearan.

Na b' fhaide air adhart, ghluais mòran a bharrachd de chroitearan air falbh air sgàth gort, no air sgàth 's nach dèanadh iad gu leòr airgid airson iad fhèin a chumail air an fhearann, le cus dhaoine air, a bha air fhàgail aca, no bho reic ceilp.

Rinn mòran eilthireachd à Alba airson tòiseachadh air beatha ùr ann an àitichean mar Canada agus Astràilia. Dh'fhuirich feadhainn eile ann an Alba, agus ghluais iad chun a' chosta airson tòiseachadh air iasgach no ghluais iad dha na bailtean.

Rinn daoine imrich a dh'Alba, gu h-àraidh à ÈԲ, An Eadailt agus taobh an ear na Roinn Eòrpa airson faighinn air falbh bho bhochdainn agus airson obair a lorg.

Ìomhaigh ann an Cataibh air a' Ghàidhealtachd dhan fheadhainn a rinn eilthireachd aig àm nam Fuadaichean
Image caption,
Ìomhaigh ann an Cataibh air a' Ghàidhealtachd dhan fheadhainn a rinn eilthireachd aig àm nam Fuadaichean.
Trèana air drochaid-rèile Ghleann Fhionnain
Image caption,
Cha b' e a-mhàin trèanaichean ùra a bha a dhìth air an rèile. Bha feum air einnseanaireachd ùr airson tunailean a ghearradh agus airson drochaidean a thogail, mar drochaid-rèile Ghleann Fhionnain.

Saorsa siubhal

Mus deach trèanaichean smùide innleachadh, bhiodh daoine a' siubhal le each is cairt no dhen cois. Bha bathar air a ghiùlan le each is cairt, air à no air a' mhuir. Bha siubhal mall agus doirbh.

Anns na 1850an, bha na prìomh bhailtean ann an Alba air an ceangal leis an rèile. Bha seo ga dhèanamh na bu luaithe agus na b' fhasa biadh ùr fhaighinn dha na bailtean, gual agus stuthan amh eile fhaighinn gu na factaraidhean, agus bathar a chaidh a dhèanamh ann am factaraidhean a reic.

Rinn an rèile na b' fhasa e do dhaoine siubhal. Dh'fhaodadh iad gluasad airson obair a lorg, ǰ-àٳ𲹲 a ghabhail, no fiù 's an sgioba ball-coise aca a leantainn gu geamannan air falbh bhon taigh. Bha seo a' ciallachadh gun robh e gu math na b' fhasa do dhaoine siubhal air feadh Alba.

Trèana air drochaid-rèile Ghleann Fhionnain
Image caption,
Cha b' e a-mhàin trèanaichean ùra a bha a dhìth air an rèile. Bha feum air einnseanaireachd ùr airson tunailean a ghearradh agus airson drochaidean a thogail, mar drochaid-rèile Ghleann Fhionnain.
Sluma ann an Glaschu, ann an dealbh a thogadh ann an 1868
Image caption,
Sluma ann an Glaschu, ann an dealbh a thogadh ann an 1868.

Beatha nas fheàrr

Glè thric cha robh na daoine a ghluais dha na bailtean a' faighinn beatha nas fheàrr mar a bha iad an dùil.

Dh'fhàs cuid de dhaoine na bu bheairtiche agus bha taighean mòra aca le searbhantan ach bha na milleanan de dh'fhireannaich, de bhoireannaich agus de chlann bhochd ag obair uairean fada ann an suidheachadh doirbh agus cunnartach air glè bheag de phàigheadh. Bha mòran dhiubh a' fuireach ann an taighean slum a bha fuaraidh, salach agus làn ghalaran.

Thar ùine, dh'fhàs cuid dhe na cùisean sin beagan na b' fheàrr. Chaidh riaghailtean slàinte agus sàbhailteachd san obair a stèidheachadh. Thug daoine mar Raibeart Owen a-steach cor obrach na b' fheàrr. Cha robh cead aig clann a bhith ag obair agus an àite sin bha iad a' dol dhan sgoil. Chuidich àԳٱ𲹱 na b' fheàrr, uisge nas glaine agus leasachaidhean ann an dotaireachd le faighinn cuidhteas ghalaran agus bha daoine beò na b' fhaide.

Ann an 1837, aig toiseach linn Bhictòria, b' e 40 an aois-bàis chuibheasach a bha ann. Ann an 1901, bha an ù-Ǿ air a dhol suas gu 48.

Sluma ann an Glaschu, ann an dealbh a thogadh ann an 1868
Image caption,
Sluma ann an Glaschu, ann an dealbh a thogadh ann an 1868.
Loidhne orains

Innleachadh agus lorg ann an linn Bhictòria

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Cloc-dealain, Chuidich Alexander Bain gar cumail ris an uair nuair a fhuair e peutant air a' chloc-dealain ann an 1841.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic