tv

'S dòcha nach eil an t-eòlaiche-fiosaig Albannach Seumas Clerk Maxwell ro aithnichte, ach tha tòrr de na h-innealan a bhios sinn a' cleachdadh an-diugh an urra ri na fhuair e a-mach.

Image caption,
Ann am Fiosaigs, tha Maxwell air a mheas a cheart cho cudromach ri Isaac Newton agus Albert Einstein.

Cò bh' ann?

  • Rugadh Seumas ann an Dùn Èideann air 13 Ògmhios 1831 agus thogadh e ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt

  • Bha e feòrachail agus tric a' faighneachd "What's the go o' that?" ("Ciamar a tha sin ag obrachadh?")

  • Bha e uabhasach measail air geoimeatraidh (matamataig chumaidhean) agus dh'fhoillsich e a' chiad phàipear saidheansail air lùban ugh-chruthach nuair a bha e 14

  • Rinn e a' chuid bu mhotha dhen obair aige air dealan, solas agus eileagtromagnaiteachd (forsa a tha a' mìneachadh a' cheangail eadar raointean magnaiteach agus raointean dealain, agus mar a bhios rud sam bith le teàirrds + no – a' gabhail riutha)

  • Chaochail e ann an Sasainn air 5 Samhain 1879

Image caption,
Ann am Fiosaigs, tha Maxwell air a mheas a cheart cho cudromach ri Isaac Newton agus Albert Einstein.

Seumas Clerk Maxwell agus dath

Image caption,
A' chiad dhealbh-camara dhathte a thog Maxwell ann an 1861 – le taing don National Media Museum/SSPL

Fhuair Seumas Clerk Maxwell tòrr a-mach mu mar a bhios sinn a' faicinn solas agus dath.

Dh'obraich e a-mach gun urrainn dhut dath sam bith de sholas a dhèanamh ma mheasgaicheas tu diofar uimhirean de sholas gorm, uaine agus dearg. (Caran mar a' measgachadh peant gorm, buidhe agus dearg airson diofar dhathan a dhèanamh).

Sheall e seo air triantan dhathan (1855). Tha teòiridh Maxwell air cùl mar a tha sgrionaichean dathte ag obrachadh air coimpiutairean agus fònaichean-làimhe.

B' e Maxwell a dh'innlich dealbhan-camara dathte (1861). Thog e dealbhan le fioltairean dearg, uaine agus gorm. Chuir e na h-ìomhaighean còmhla an uair sin agus rinn e ìomhaigh dhathte de rioban tartain.

Image caption,
A' chiad dhealbh-camara dhathte a thog Maxwell ann an 1861 – le taing don National Media Museum/SSPL

A' chuibheall dhathan aig Maxwell

Rinn Maxwell cuibheall dhathan airson faicinn dè thachradh nuair a mheasgaicheadh e dathan. Dheigheadh aige air uimhir gach dath air a' chuibhill atharrachadh agus car a chur dhith gu luath airson na dathan a mheasgachadh. Bha diofar uimhirean de dhearg, uaine agus gorm a' toirt diofar dhathan dha.

Coimhead a' bhidio seo agus faic dè thachras nuair a chuireas tu car de chuibheall Maxwell.

A' chuibheall dhathan aig Maxwell

Dè th' ann an eilegtromagnaiteachd?

B' e an obair bu chudromaiche a rinn Maxwell gun do sheall e an ceangal a tha eadar dealan agus magnaitean.

  • San àm a dh'fhalbh, bha daoine dhen bheachd gur e rudan gu tur eadar-dhealaichte a bh' ann an dealan is ann am magnaitean.

  • Fhuair Mìcheal Faraday a-mach gun robh ceangal eatarra. Rinn e a-mach gun toireadh magnait a bha a' gluasad air dealan sruthadh tro uèir. 'S ann air a' bhunait seo a tha an dealan a bhios sinn a' cleachdadh gach latha air a chruthachadh.

  • Sheall Seumas Clerk Maxwell gun robh dealan agus magnaiteachd a' cruthachadh tuinn de lùth eileagtromagnaiteach. Tha seo a' gabhail a-steach solas, x-ghathan, tuinn rèidio, microwaves agus seòrsachan eile de lùth a tha feumail dhuinn.

  • Dh'obraich Maxwell a-mach am matamataig a bha air cùl eileagtromagnaiteachd - (chruthaich e an teòiridh aige seo ann an 1865). Chleachd daoine eile an uair sin na beachdan aige agus dh'innlich iad iomadh rud a tha sinn a' cleachdadh an-diugh, agus nam measg fòn-làimhe!

Tha sinn an urra ri eileagtromagnaiteachd a h-uile latha

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, , Bidh fònaichean-làimhe a' cur agus a' faotainn dàta a' cleachdadh tuinn rèidio – seòrsa de thonn eileagtromagnaiteach, dìreach mar solas, microwaves no x-ghathan.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic