tv

Bha Teàrlach Rennie Mac an Tòisich na ailtire agus na dhealbhaiche le stoidhle a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Cò e?

Rugadh Mac an Tòisich ann an Glaschu ann an 1868. Bha aona phàiste deug san teaghlach.

Bha Mac an Tòisich ag obair mar ailtire a' dealbhadh thogalaichean eadar 1895 agus 1906.

Bhiodh e glè thric ag obair còmhla ri bhean Mairead NicDhòmhnaill. Eadar an dithis aca, dhealbh iad a h-uile seòrsa rud eadar àirneis, agus solais agus pàipear-balla do chuid a thogalaichean. Bha iad cuideachd ag obair air dealbhadh taobh a-staigh ò𲹲-ì Ceit Chranston.

Bha luchd-ealain agus dealbhaichean Art Nouveau agus Secessionist ann a' Vienna agus ann am Meadhan na Roinn Eòrpa measail air dealbhadh Mhic an Tòisich. Cha robh e cho còrdte ann an Alba agus bha e doirbh dha obair fhaighinn.

Mu dheireadh leig e seachad dealbhadh agus ailtireachd. Chuir e seachad an còrr dhe bheatha eadar Sasainn agus ceann a deas na Frainge.

Chaochail e ann an 1928 nuair a bha e 60. Tha e a-nis aithnichte mar dhealbhaiche agus mar ailtire gun shamhail.

Cha robh Mac an Tòisich ag obair mar ailtire ach airson 10 bliadhna ach tha na dealbhaidhean aige ainmeil.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 8, , Togalach a' Ghlasgow Herald 1895 – Dhealbh Mac an Tòisich an tùr seo mar phàirt de thogalach a' Ghlasgow Herald air Sràid Mitchell ann an Glaschu. Bha tanca mhòr uisge na bhroinn airson an togalach a dhìon bho theine. Tha an togalach a-nis na ionad-tadhail mu dhealbhadh. 'S e The Lighthouse an t-ainm a th' air agus tha taisbeanadh ann fad na h-ùine air Mac an Tòisich.

Stoidhle Ghlaschu

Nuair a bha Mac an Tòisich na oileanach ann an Sgoil Ealain Ghlaschu, bha Seumas Herbert McNair agus dithis pheathraichean, Mairead agus Frances NicDhòmhnaill nan caraidean aige. Thòisich iad ag obair air dealbhaidhean còmhla agus thàinig sin gu Stoidhle Ghlaschu. An dèidh sin, phòs Seumas agus Frances agus cuideachd Teàrlach agus Mairead.

Tha cumaidhean sìmplidh mar loidhnichean bheartagail, ceàrnagan, cearcaill agus cridheachan nam pàirt dhen stoidhle. Tha cumaidhean stoidhlichte à nàdar ann mar dìtheanan, sìol agus duilleagan. Thug dealbhadh Art Noveau às an Roinn Eòrpa, dealbhaidhean traidiseanta Ceilteach agus ealain Iapanach buaidh air Stoidhle Ghlaschu.

Bha na dealbhaidhean a b' ainmeile ann an Stoidhle Ghlaschu air taobh a-staigh cuid dhe na togalaichean air an robh Teàrlach agus Mairead ag obair còmhla agus a dhealbh e airson ò𲹲-ì Miss Cranston.

Bha Teàrlach Rennie Mac an Tòisich agus Mairead NicDhòmhnaill ag obair le fiodh, meatailt agus glainne airson a h-uile nì ann an rùm a dhealbh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, , Tha "Ròs Mhic an Tòisich" ainmeil air feadh an t-saoghail airson dealbhadh sìmplidh eireachdail. Tha seo bho Thaigh na Beinne ann am Bail' Eilidh ach bhiodh e tric a' cleachdadh ròsan anns na dealbhaidhean aige.

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic