tv

Airson faisg air 150 bliadhna, dhealbh Raibeart Stevenson, a mhic agus oghaichean mòran dhe na taighean-solais air costa na h-Alba.

Faigh a-mach mu Raibeart Stevenson agus a theaghlach

Image caption,
Raibeart Stevenson, einnseanair agus fear-togail thaighean-solais. Am faic thu an taigh-solais san dealbh seo? (An ìomhaigh bho Ghailearaidh Nàiseanta na h-Alba.)

Cò bh' ann an Raibeart Stevenson?

  • Rugadh Raibeart Stevenson ann an Glaschu air an 8mh Ògmhios 1772.
  • Chaochail athair Raibeirt nuair a bha Raibeart gu math òg. Bha a mhàthair airson e bhith na mhinistear.
  • Phòs a mhàthair fear air an robh ò Mac a' Ghobhainn. Bha e na einnseanair no innleadair aig Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath.
  • Bha Raibeart na neach-cuideachaidh aige agus an uair sin na phàirtiche.
  • Shoirbhich le Raibeart gu math mar einnseanair thaighean-solais. Cha robh e ach 19 nuair a chaidh a chur os cionn taigh-solais a thogail air costa Siorrachd Àir.
  • Bha e na einnseanair aig Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath bho 1808 gu 1842 agus b' e bha os cionn co-dhiù 15 dhe na prìomh thaighean-solais a thogail.
  • Chaochail Raibeart ann an Dùn Èideann ann an 1850, agus e 78.
Image caption,
Raibeart Stevenson, einnseanair agus fear-togail thaighean-solais. Am faic thu an taigh-solais san dealbh seo? (An ìomhaigh bho Ghailearaidh Nàiseanta na h-Alba.)
Loidhne orains

Taigh-solais Creag a' Chluich

  • Bha Raibeart os cionn togail Taigh-solais Creag a' Chluig, 11 mìle à Obar Bhrothaig air taobh an ear Alba.
  • Bha e uabhasach doirbh Taigh-solais Creag a' Chluig a thogail agus thug an obair ceithir bliadhna.
  • Tha 36 meatairean a dh'àirde san tùr agus tha 96 steapaichean chun a' mhullaich.

Cliog tron taisbeanadh agus gheibh thu a-mach barrachd mu Thaigh-solais Creag a' Chluig.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Taigh-solais Creag a' Chluig, Tha 36 meatairean a dh'àirde ann an Taigh-solais Creag a' Chluig. Tha 96 steapaichean gu mullach an tùir.

Stevensons nan Taighean-solais

  • Cha b' e Raibeart an aon fhear san teaghlach aige a bhiodh a' dealbh thaighean-solais.
  • Bha a mhic Ailean, Daibhidh agus ò cuideachd nan einnseanairean thaighean-solais.
  • Dhealbh na h-oghaichean aige (mic Dhaibhidh) Daibhidh Ailean Stevenson agus Teàrlach Stevenson taighean-solais cuideachd.
  • Cha do roghnaich mac Thòmais a bhith na einnseanair. B' e Raibeart Louis Stevenson an t-ainm a bh' air agus bha e na sgrìobhadair ainmeil.

Taighean-solais eile agus teaghlach nan Stevenson

More on 󾱳òԲ

Find out more by working through a topic