tv

Iomadachadh

Ag iomadachadh àireamh deicheach le àireamh shlàn aon-fhigear

Nuair a bhios tu ag iomadachadh \(23.7\) le \(4\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.
  1. Tha aon ionad deicheach air a chleachdadh san obrachadh. Mar sin bu chòir aon ionad deicheach a bhith na do fhreagairt cuideachd. Mus obraich thu a-mach am freagairt, feuch gun cuir thu a' phuing dheicheach dhan àite cheart.
  2. Tòisich le \(4 \times 7\), agus sin \(28\). Mar sin sgriobh \(8\) agus thoir-leat \(2\) do cholbh nan aonadan.
  3. \(4 \times 3 = 12\), ach cuimhnich na \(2\) a thug thu leat a chur-ris airson \(14\) fhaotainn. Sgrìobh \(4\) agus thoir-leat \(1\) do cholbh nan deichean.
  4. \(4 \times 2 = 8\), agus bidh sinn a' cur-ris an \(1\) a thug sinn leinn airson \(9\) fhaotainn.

Mar sin \(23 \cdot 7 \times 4 = 94 \cdot 8\).

Related links