tv

Figearan ì𾱱

Uaireannan chan fheum sinn ceist a fhreagairt gu mionaideach – tha sinn dìreach ag iarraidh tuairmse. Nuair a bhios àireamh mhòr againn, faodaidh sinn a cruinneachadh chun a' mhìle, no chun a' mhillein, as fhaisge. Agus nuair a gheibh sinn freagairt fada, deicheach air àireamhair, faodaidh sinn a chruinneachadh gu àireamh shònraichte de dh'ionadan deicheach.

'S e dòigh eile air freagairt tuairmseach a thoirt a chruinneachadh gu figraran ì𾱱.

Uaireannan, bidh an teirm 'figearan ì𾱱' air a ghiorrachadh gu fb.

Tha am facal ì𾱱 a' ciallachdh cudromach. Mar as fhaisge a tha figear air toiseach àireimh, 's ann as cudromaiche – no as ì𾱱e – a tha e.

Anns an àireimh \(368249\), 's e \(3\) am figear as ì𾱱e, chionn tha e ag innse dhuinn gur e an àireamh \(3\, \text{ceud mìle}\) agus rudeigin. Mar sin, 's e \(6\) an ath fhigear as ì𾱱e, agus mar sin air adhart.

Anns an àireimh \(0.0000058763\), 's e \(5\) am figear as ì𾱱e, chionn tha e ag innse dhuinn gur e an àireamh \(5 \text\,{milleanamhan}\) agus rudeigin. 'S e \(8\) an ath fhigear as ì𾱱, agus mar sin air adhart.

Bidh sinn a' cruinneachadh le bhith a' cleachdadh àireamh shònraichte de dh'fhigearan ì𾱱. 'S e \(1, 2 \) no \(3\) na figearan ì𾱱 as cumanta.

Cuimhnich gu bheil na riaghailtean cruinneachaidh an aon rud 's a bha iad roimhe:

Mas e an ath àireamh 5 no nas motha, bidh sinn a' cruinneachadh suas.

Mas e an ath àireamh 4 no nas lugha, cha bhi sinn a' cruinneachadh suas.

Ceistean

Question

Dè bhiodh ann an \(368249\) ceart gu \(1\) fhigear ì𾱱?

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu \(0.00245\) ceart gu \(1\) fhigear ì𾱱?

Question

Ciamar a sgrìobhadh tu \(0.0000058763\) ceart gu \(2\) fhigear bhrìgheil?

Related links