tv

Ag iomadachadh le àireamh shlàn aon-fhigear

Nuair a bhios tu ag iomadachadh \(237\) le \(4\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
  1. Tòisich le \(4\times7\), agus sin \(28\). Mar sin sgrìobh \(8\) agus thoir-leat \(2\) do cholbh nan deichean.
  2. \(4 \times 3 = 12\), ach cuimhnich air na \(2\) a thug thu leat a chur-ris airson gum faigh thu \(14\). Sgrìobh \(4\) agus thoir-leat \(1\) do cholbh nan ceudan.
  3. \(4 \times 2 = 8\), agus bidh sinn a' cur-ris an \(1\) a thug sinn leinn airson \(9\).

Mar sin \(237 \times 4 = 948\).

Ag iomadachadh le àireamh shlàn dà-fhigear

Nuair a bhios tu ag iomadachadh \(237\) le \(24\) gun àireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
  1. Tha an aon dòigh-obrach sa chiad loidhne dhen obrachadh 's a th' agad nuair a bhios tu ag iomadachadh le àireamh aon-fhigear.
  2. Anns an dara loidhne tha sinn ag iomadachadh le \(20\) (dà dheich). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le deichean, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear nan aonadan.
  3. Ag obrachadh san aon t-seòrsa dòigh: \(2 \times 7 = 14\). Cuir \(4\) ann an colbh nan deichean agus thoir-leat \(1\) do cholbh nan ceudan.
  4. \(2 \times 3 = 6\), cuir-ris an \(1\) a thug thu leat gus \(7\) fhaotainn agus cuir sin ann an colbh nan ceudan.
  5. \(2 \times 2 = 4\), cha tug thu leat sìon agus mar sin cuir \(4\) ann an colbh nam mìltean.
  6. Cuir-ris \(948\) agus \(4740\).

Mar sin \(237 \times 24 = 5668\).

Related links