tv

A' cruinneachadh chun na h-àireimh shlàin as fhaisge

Ann an cuid de cheistean bidh agad ri freagairt a chruinneachadh chun na h-àireimh shlàin as fhaisge no chun an deich as fhaisge.

Eisimpleir 1

Sgrìobh \(38.7\) chun na h-àireimh shlàin as fhaisge

Number line showing 38, 38.5 and 39.  38.7 is marked with a bead.

Tha \(38.7\) eadar \(38\) agus \(39\)

Tha \(38.7\) nas fhaisge air \(39\) na air \(38\)

Mar sin, tha \(38.7 = 39\) (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge).

Eisimpleir 2

Sgrìobh \(6.5\) chun na h-àireimh shlàin as fhaisge

Number line from 6 to 7, showing 6.5 as mid-way.

Tha \(6.5\) eadar \(6\) agus \(7\)

Tha \(6.5\) letheach eadar \(6\) agus \(7\)

Nuair a thachras seo, cruinnich suas

Mar sin, tha \(6.5 = 7\) (chun na h-àireimh shlàin as fhaisge).

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Cruinnich \(103.4\) chun an deich as fhaisge.

Related links