tv

Roinneadh

Dòigh fhoirmeil: eisimpleir 1

Roinn \(8932\) le \(7\) (\(8932 \div 7\))

Diagram showing the formal method for division.
  1. Tòisich leis an \(8\) ann an colbh nam mìltean. Thèid \(7\) ann an \(8\) aon thuras le còrr \(1\). Cuir an còrr ri taobh \(9\) ann an colbh nan ceudan (a-nis \(19\)) agus an \(1\) eile san fhreagairt a-rithist ann an colbh nam mìltean.
  2. Thalla gu \('19'\) ann an colbh nan ceudan. Thèid \(7\) ann an \(19\) dà thuras le còrr \(5\). Cuir an còrr ri taobh \(3\) ann an colbh nan deichean (a-nis \(53\)) agus an \(2\) ann an colbh nan ceudan.
  3. Thalla gu \('53'\) ann an colbh nan deichean. Thèid \(7\) ann an \(53\) seachd tursan le còrr \(4\). Cuir an còrr ri taobh \(2\) ann an colbh nan aonadan (a-nis \(42\)) agus an \(7\) san fhreagairt ann an colbh nan deichean.
  4. Thalla gu \('42'\) ann an colbh nan aonadan. Thèid \(7\) ann an \(42\) sia tursan gun chòrr. Cuir \(6\) dhan fhreagairt ann an colbh nan aonadan.

Mar sin \(8932 \div 7 = 1276\).

Eisimpleir 2

Roinn \(346\) le \(346 \div 8\))

Diagram showing the formal method for division.
  1. Lean an aon dòigh-obrach 's a bh' ann gu h-àrd gus an tig thu gu \(6\) ann an colbh nan aonadan.
  2. Thèid \(8\) ann an \(26\) trì tursan le còrr \(2\). Bho nach eil figearan an dèidh \(6\) feumaidh tu a-nis \(0\) a chur mar fhigear an dèidh na puing dheichich. Feumaidh puing dheicheach a-nis a bhith na do fhreagairt. Bidh an còrr \(2\) a-nis a' dol ri taobh \(0\) an dèidh na puing dheichich (a-nis \(20\)).
  3. Thalla gu \('20'\) ann an colbh nan deicheamhan. Thèid \(8\) ann am \(20\) dà thuras le còrr \(4\).
  4. Thoir a-steach \(0\) ann an colbh nan ceudamhan agus cuir an còrr \(4\) ri taobh seo (a-nis \(40\)). Bidh na \(2\) a' dol ann an colbh nan deicheamhan na do fhreagairt.
  5. Thèid \(8\) ann an \('40'\) còig tursan gun chòrr. Bidh an \(5\) na do fhreagairt a' dol ann an colbh nan ceudamhan

Mar sin \(346 \div 8 = 43 \cdot 25\).

Eisimpleir 3

Roinn \(225.75\) le \(7\) (\(225.75 \div 7\))

Diagram showing the formal method for division.
  1. Cuir puing dheicheach an fhuasglaidh os cionn puing dheicheach na h-àireimh a bh' ann bho thùs.
  2. Thèid \(7\) ann an \(22\) trì tursan le còrr \(1\). Cuir an còrr ri taobh na \(5\) ann an colbh nan aonadan (a-nis \(15\)) agus an \(3\) na do fhreagairt ann an colbh nan deichean.
  3. Thèid \(7\) ann an \('15'\) dà thuras le còrr \(1\). Cuir an còrr ri taobh na \(7\) ann an colbh nan deicheamhan (a-nis \(17\)) agus na \(2\) na do fhreagairt ann an colbh nan aonadan
  4. Thèid \(7\) ann an \('17'\) dà thuras le còrr \(3\). Cuir an còrr ri taobh na \(5\) ann an colbh nan ceudamhan (a-nis \(35\)) agus na \(2\) na do fhreagairt ann an colbh nan deicheamhan.
  5. Thèid \(7\) ann an \('35'\) còig tursan gun chòrr. Bidh an \(5\) na do fhreagairt a' dol ann an colbh nan ceudamhan.

Mar sin \(225 \cdot 75 \div 7 = 32 \cdot 25\).

Related links