tv

Taghadh-facail agus Conaltradh nan caractaran

Taghadh-facail

Tha a h-uile facal a chleachdas tu cudromach! Tha e cudromach gun seall thu gu bheil deagh bhriathrachas agad nuair a tha thu a' sgrìobhadh agus gu dearbha, cuiridh sin ris an tlachd a gheibh an leughadair às an sgeulachd agad.

Feuch ri faclan mar 'math' agus 'dona' a sheachnadh. An aithne dhut buadhair nas inntinniche? Ma tha thu a' cleachdadh fhaclan mar 'uabhasach' no 'glè' no 'gu math' gu tric, feuch ri smaoineachadh air facal sa bheil tuilleadh brìgh. Beachdaich air an diofar eadar:

glè mhath > sgoinneil

uabhasach dona > sgriosail

gu math goirt > cràiteach

'S fhiach banca de bhuadhairean is co-ghnìomhairean a chruthachadh nuair a bhios tu air co-dhùnadh a dhèanamh mun ghnè-sgrìobhaidh agad.

Mar eisimpleir, can gu bheil thu a' sgrìobhadh sgeulachd eagalach. Math dh'fhaodte gun cuidich liosta mar seo thu ann a bhith a' leudachadh do chuid sgrìobhaidh is a' dèanamh dealbh nas soilleire dhan leughadair:

Buadhairean-ìdz󲹾𲹲Ҳàٳ󲹲-ԲԳ
iomallachgu h-obannfallas fuar an eagail
taibhseilgu nearbhasachà cochall a chridhe
oillteille grad-ghluasadmarbh na h-oidhche
uamhraidhle clisgeadhair mo lathadh
Buadhaireaniomallach
-ìdz󲹾𲹲gu h-obann
Ҳàٳ󲹲-ԲԳfallas fuar an eagail
Buadhaireantaibhseil
-ìdz󲹾𲹲gu nearbhasach
Ҳàٳ󲹲-ԲԳà cochall a chridhe
Buadhaireanoillteil
-ìdz󲹾𲹲le grad-ghluasad
Ҳàٳ󲹲-ԲԳmarbh na h-oidhche
Buadhaireanuamhraidh
-ìdz󲹾𲹲le clisgeadh
Ҳàٳ󲹲-ԲԳair mo lathadh

Bidh an sgeulachd agad nas inntinniche ma chleachdas tu raon farsaing de bhriathrachas.

Conaltradh nan caractaran

Ma tha caractaran sam bith a' bruidhinn san sgeulachd agad, feuch gum bi thu mothachail air an dòigh sa bheil thu a' cur sin an cèill.

Innsidh dòigh bruidhinn nan caractaran mòran dhuinn mun deidhinn.

Smaoinich air an t-seòrsa cainnt a chleachdadh an caractar sin agus an suidheachadh sa bheil iad. Ciamar a tha iad a' faireachdainn? Dè na faclan a chleachdadh iad? Cò ris a tha iad a' bruidhinn is dè am beachd a th' aca orra?

Beachdaich air an diofar eadar:

'Chan eil mi idir toilichte mu dheidhinn sin,' thuirt i rithe.

'Dè fon ghrèin a bha thu smaoineachadh?' dh'èigh i.

Thuigeadh an leughadair mòran a bharrachd mun t-suidheachadh san dàrna eisimpleir seach na thuigeadh iad sa chiad eisimpleir.

More guides on this topic

Related links