tv

A' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid

Aig Ìre Nàiseanta 5, thèid iarraidh ort diofar phìosan sgrìobhaidh a dhèanamh. Nuair a tha thu a' cruthachadh phìosan sgrìobhaidh, bu chòir dhut a bhith eòlach air na diofar ghnèithean-sgrìobhaidh agus na modhan is na stoidhlichean sònraichte a thathar a' cur gu feum.

Tha sgrìobhadh ficsean a' gabhail a-steach rudan mar , earrann bho nobhail, sgrìobhadh meòrachail, no pìos dràma.

Anns an earrainn seo, coimheadaidh sinn air a bhith a' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid.

Tha feartan, structaran agus sgilean sònraichte a' nochdadh anns a' ghnè seo. Tha e cudromach gum bi thu eòlach air na nithean seo agus gun tèid agad air an cleachdadh anns an sgrìobhadh agad fhèin.

Nuair a tha thu a' sgrìobhadh phìosan, bu chòir gun seall thu gu bheil thu mothachail air:

  • stoidhle agus modhan na gnè sgrìobhaidh
  • adhbhar agus luchd-amais a' phìos

More guides on this topic

Related links