tv

Suidheachadh agus caractar

Nuair a tha plana bunaiteach agad, bu chòir dhut leudachadh air na puingean a chuir thu sa mhapa-inntinn. Leugh an stiùireadh a leanas agus cuir beachdan ris a' mhapa-inntinn agad.

Suidheachadh

Cuin a tha an sgeulachd a' tachairt? Cha leig i leas a bhith suidhichte san latha an-diugh. A bheil tachartas eachdraidheil ann sam biodh e inntinneach sgeulachd a shuidheachadh? 'S dòcha gu bheil thu eòlach air suidheachadh san latha an-diugh a bhiodh freagarrach.

Feumaidh tu cuideachd àite a thaghadh far an tachair an sgeulachd. Gu math tric, thathar a' moladh àite air a bheil thu eòlach a thaghadh a chionn 's gun cuidich e thu le bhith ag innse cò ris a tha an t-àite coltach. Ach, chan eil sin a' ciallachadh nach fhaod thu àiteigin eile a thaghadh.

Tha iomadh goireas air an eadar-lìon a chuidicheas tu ann a bhith a' cur eòlas air àite, mar eisimpleir: 's urrainn dhut dealbhan a lorg far am faic thu cò ris a tha àite coltach.

Caractar

Bidh co-dhiù aon charactar anns a' mhòr-chuid de sgeulachdan goirid. Nuair a tha thu a' smaoineachadh air caractaran, feuch gum beachdaich thu air rudan mar:

  • aois
  • suidheachadh beatha (teaghlach, sunndach, aonranach...)
  • pearsantachd
  • feartan àraidh

Nuair a tha thu a' cur an cèill cò ris a tha caractar coltach, feuch gun seall thu dhan leughadair na rudan a tha inntinneach mun deidhinn, seach na rudan àbhaisteach. Beachdaich air an diofar eadar an dà thuairisgeul seo:

Bha falt bàn oirre agus bha i meadhanach àrd agus gu math mì-thoilichte.

Bha a falt goirid, mì-sgiobalta is bha maise-ghnùis dhubh air a sùilean brònach.

Feumaidh tu taghadh ciamar a dh'innseas tu an sgeulachd cuideachd. An inns thu i bho shealladh a' phrìomh charactar? Ma tha thu a' dol a chleachdadh a' chiad phearsa:

'Chunnaic mi.'

'Bhruidhinn i rium.'

'Tha mi a' faireachdainn.'

bidh cothrom agad sealladh pearsanta a thoirt seachad.

Ma chleachdas tu an treas pearsa:

'Chunnaic i.'

'Bhruidhinn i rithe.'

'Tha i a' faireachdainn.'

Bidh an cothrom agad seallaidhean eadar-dhealaichte a thoirt seachad.

More guides on this topic

Related links