tv

Faid agus cruth sheantansan

Tha an dòigh sa bheil thu ag innse na sgeulachd cudromach. Bi mothachail air faid agus cruth nan seantansan agad. Faodaidh tu sreath de sheantansan goirid a chleachdadh ma tha thu airson teannachadh a chruthachadh san sgeulachd. Tha seantansan fada feumail nuair a tha thu airson tuairisgeul mionaideach a thoirt seachad.

Smaoinich cuideachd mu thoiseach nan seantansan. Feuch gun a bhith a' tòiseachadh gach seantans le 'Bha' no 'Tha'. Smaoinich mu dhòighean eadar-dhealaichte, mar eisimpleir gnìomhairean, co-ghnìomhairean no gnàthasan-cainnt.

Tha puingeachadh cudromach airson faireachdainnean agus tòna a chur an cèill. Faodaidh tu rudan mar trì-phuing (...), clisg-phuing no litrichean mòra a chleachdadh.

Beachdaich air an diofar eadar:

Bha i a' ruith agus bha i ag èigheach 'Stad'. Bha i cuideachd a' faireachdainn fuachd geur a' phuinnsein na h-amhach.

Ruith i is dh'èigh i 'STAD!' Aig a' cheart àm, dh'fhairich i fuachd geur a' phuinnsein na h-amhach...

Chì thu sa chiad seantans gu bheil an dà sheantans a' tòiseachadh le 'Bha'. San dàrna eisimpleir, tha cruthan diofraichte air an cleachdadh. Tha na litreachan mòra agus a' chlisg-phuing ann an 'STAD!' a' toirt barrachd fiosrachaidh dhuinn mun dòigh san deach seo a ràdh agus a' cur ri beairteas an deilbh. Tha an trì-phuing aig an deireadh a' ciallachadh gu bheil sinn airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na thachair.

More guides on this topic

Related links