±«Óãtv

Fios ±Ê°ùì´Ç²ú³ó²¹¾±»å±ð²¹³¦³ó»å airson Luchdaidhean Suas Chloinne

Air ùrachadh: 8 An t-Sultain 2023

Fios do phàrantan/luchd-cùraim! Tha am fios prìobhaideachd seo air a sgrìobhadh airson ‘s gun tuig clann e – leis a sin, tha e sgrìobhte bho thaobh do phàiste (me tha ‘do chruthachaidhean’ a’ ciallachadh na chruthaich do phàiste).

Deugairean! 13 no nas sine? Leugh seo

Bha sinn airson innse dhut gu bheil d’ fhiosrachadh sàbhailte is e againne. Seo beagan fiosrachaidh mu mar a bhios sinn a’ dèiligeadh ri d’ fhiosrachadh nuair a chuireas tu na chruthaich thu thugainn.

Dè am fiosrachadh a bhios sibh ag iarraidh mum dheidhinn?

‘S dòcha gun iarr sinn fiosrachadh ort, do chiad ainm, d’ aois agus do bhaile mar eisimpleir.

‘S dòcha gun toir thu seachad fios mud dheidhinn fhèin anns na cruthachaidhean a chuireas tu thugainn. Uaireannan thèid againn air faighinn a-mach cò th’ annad ma chuireas tu thugainn dealbh no bhidio anns a bheil thu fhèin.

Na toir dhuinn fiosrachadh prìobhaideach mud dheidhinn fhèin, do charaidean no do theaghlach.

Carson a bhios sibh ag iarraidh am fiosrachadh sin?

‘S dòcha gum foillsich sinn na chruthaich thu. Tha seo a’ ciallachadh gum faod e nochdadh air ar prògraman TBh no air-loidhne, agus gun tèid an coimhead. Ma dh’fhoillsicheas sinn na chruthaich thu, ‘s dòcha gu seall sinn d’ ainm agus d’ aois ach am faic daoine cò chruthaich am pìos mìorbhaileach agad!

Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m’ fhiosrachadh a chleachdadh?

Feumaidh deagh adhbhar a bhith againn airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh. ‘S e 'bun-laghail air pròiseasadh' a th’ air an seo. Do chloinn, ‘s e gun ‘aontaich’ do phàrant/neach-cùraim ris a’ bhun-laghail airson na chruthaich thu agus d’ fhiosrachadh a bhith aig a’ BhBC. Aig amannan, tha ‘aontaich’ air ainmeachadh mar ‘ag aontachadh’. Ri linn ‘s gun do ‘dh’aontaich’ do phàrant no do neach-cùraim, faodaidh sinn na chruthaich thu agus d’ fhiosrachadh a chleachdadh anns na dòighean a mhìnich sinn dhutsa agus dha do phàrant no neach-cùraim. Tha sin a’ gabhail a-steach nuair a tha fiosrachadh pearsanta, leithid fios mud shlàinte no do chreideamh anns na chruthaich thu.

Faodaidh do phàrant no do neach-cùraim an inntinn atharrachadh. Faodaidh iad brath a chur thugainn mu na chruthaich thu.

No ma tha iad airson ‘s gun stad thusa a’ cur chruthachaidhean thugainn, faodaidh iad sin a dhèanamh anns na seataidhean cunntais ±«Óãtv agadsa.

Ciamar a bhios sibh a’ cumail sùil air an fhiosrachadh a th’ agaibh mum dheidhinn?

Bidh sinn ga chumail sàbhailte.

Bidh sinn a’ tionndadh am fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn (ach chan e na chruthaich thu!) na chòd dìomhair gus nach faic duine eile e.

Dè cho fada ‘s a bhios sibh a’ cumail fiosrachadh mum dheidhinn?

Bidh sinn ga ghleidheadh arison 7 bliadhna.

Dè cho fada ‘s a bhios sibh a’ cumail na suthan a chruthaich mi?

Ma fhoillsicheas sinn na chruthaich thu, faodaidh sinn a chleachdadh an àite sam bith san t-saoghal, gu bràth agus air meadhan sam bith. Gheibh thu a-mach tuilleadh mu na dh’fhaodas sinn a dhèanamh le na chruthaich thu anns na Cumhaichean Cleachdaidh.

Mura foillsich sinn na chruthaich thu, dubhaidh sinn e far ar siostaman cuide ri fiosrachadh mu dheidhinn an taobh a-staigh dà bhliadhna.

Dè thachras dhan stuth a chruthaich mi ma dhubhas mi às mo chunntas ±«Óãtv?

Ma tha e air fhoillseachadh, bidh na chruthaich thu beò ged a dhubhadh tu às do chunntas ±«Óãtv. Dubhaidh sinn às am fiosrachadh a thug thu dhuinn airson do chunntas fhosgladh no ùrachadh ma dhubhas tu às do chunntas ±«Óãtv an taobh a-staigh dà bhliadhna. Le bhith dubhadh às do chunntas, dh’fhaodadh seo d’ ainm-taisbeanaichte atharrachadh is cha bhi fios aig daoine gur tu a th’ ann. Aig amannan cha tèid againn air d’ ainm-taisbeanaichte atharrachadh, mar eisimpleir nuair a tha deasaiche air d’ ainm-taisbeanaichte a chur a-steach.

Cò leis am bi sibh a’ sgaoileadh fiosrachadh mum dheidhinn?

Bidh sinn a’ cleachdadh companaidhean eile airson cuideachadh le ar seirbheisean agus, aig amannan, iarraidh sinn orra d’ fhiosrachadh a’ làimhseachadh dhuinn. Mar eisimpleir, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil na cruthachaidhean a tha sinn a’ foillseachadh sàbhailte is freagarrach. Leis a sin, bidh sinn a’ cleachdadh a’ chompanaidh ICUC. Social gus sùil a thoirt orra. Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ gabhail cùram den fhiosrachaidh agad san aon dòigh ‘s ged a b’ e sinn fhèin a bha dèiligeadh ris. Thèid na companaidhean a thaghadh gu faiceallach, is cha sgaoilear ach na dh’fheumar de dh’fhiosrachaidh agus nì sinn cinnteach gun tèid a chumail sàbhailte.

Cha sgaoil sinn fiosrachadh mud dheidhinn ri neach sam bith eile, ach a-mhàin ann an suidheachaidhean sònraichte, mar eisimpleir airson do chumail sàbhailte.

Faigh a-mach tuilleadh!

Thoir sùil air Poileasaidh a' BhBC air Prìobhaideachd Chloinne (Ann am Beurla) agus ar duilleagan mu phrìobhaideachd, far an lorg thu Poileasaidh Prìobhaideachd is Cookies a’ BhBC agus tòrr a bharrachd mu mar a bhios sinn a’ dèiligeadh ri fiosrachaidh mud dheidhinn, dè na còraichean a th’ agad, agus dè nì thu ma tha ceist no gearain agad fhèin no do phàrant no neach-cùraim.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: