tv

Dè dh'fhaodas am tv a dhèanamh leis an stuth a phostas mi?

Air ùrachadh: 23 An t-Ògmhios 2022

Faodaidh sinn:

A chleachdadh, dachaigh a thoirt dha, no a ghleidheadh ann an seirbheisean is stuthan tv

Mar a bhith ga chur gu Weather Watchers no làrach-lìn CBeebies.

Leth-bhreac a dhèanamh, atharrachadh no eadar-theangachadh, no rudan a dhèanamh air am brosnachadh leis

Chan atharraich sinn do stuthan co-cheangailte ri naidheachdan mura bheil e deatamach. 

Leugh mu .

A chleachdadh le ar goireasan airson cruthachaidhean a dhèanamh no stuthan ath-mheasgachadh

Tha goireasan aig cuid de ar seirbheisean airson cluich le ar stuthan, do chòd fhèin a sgrìobhadh agus geamannan agus samhlaidhean-sùla a chruthachadh. Dh’fhaodadh iad sin:

  • Do chruthachaidhean fhoillseachadh mar bhrosnachadh do dhaoine eile.
  • Cuireadh a thoirt do dhaoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh airson rud a chruthachadh iad fhèin.

Sgaoil e airson rannsachadh a dhèanamh

Bidh sinn a' dèanamh obair rannsachaidh agus aig amannan ag obair le com-pàirtichean rannsachaidh. Bho àm gu àm bidh sinn a' roinn ar stuthan is dàta leotha. Ach tha sinn cùramach mu na thèid a roinn agus mu nas urrainn do ar com-pàirtichean rannsachaidh a dhèanamh leis.

A cho-mheasadh

Tha sin a’ ciallachadh gu faod sinn breithneachadh air, deasachadh a dhèanamh air, a thoirt air falbh no tighinn gu co-dhùnadh gun a chleachdadh. Agus ma tha e a’ bristeadh laghan sam bith, faodaidh sinn a chur gu na poilis no ùghdarrasan eile.

Agus faodaidh sin rudan a chruthaich thu a chleachdadh:

  • Ann an àite sam bith san t-saoghal.
  • Ann am meadhan sam bith (mar eisimpleir Tbh, an t-eadar-lìon, rèidio, na meadhanan sòisealta is appaichean).
  • Cho fad ’s a thogras sinn – fiù ‘s ged a sguireadh tu a chleachdadh ar seirbheisean.

Agus faodaidh duine sam bith a tha ag obair còmhla rinn na h-aon rudan a dhèanamh cuideachd. Mar eisimpleir, ma chuireas tu ìomhaigh gu tv News, dh’fhaodadh sinn sgeulachd leis an ìomhaigh sin a thoirt do chraoladair cèin a dh’fhaodadh an uairsin a h-uile càil a tha air ainmeachadh gu h-àrd a dhèanamh. Agus dh’fhaodadh iad toirt air an luchd-cleachdaidh pàigheadh airson fhaicinn.

Rudan eile a nì no nach dèan sinn:

  • ’S dòcha gu leig sinn le daoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh. Agus uaireannan dh’fhaodadh e bhith gu leigeadh sinn leotha a dheasachadh no rudan air am brosnachadh leis a chruthachadh.
  • Cha phàigh sinn thu air a shon.
  • Bhiodh sinn an dòchas a chleachdadh. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
  • Mar as trice, bidh sinn a’ cur d’ ainm ri taobh na chruthaich thu. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
  • Dh’fhaodadh sinn brath a chur thugad airson dèanamh cinnteach gu bheil cead agad ìomhaighean sam bith, no ceòl, no criomagan no teacsa a chleachdadh ann an rud sam bith a chuireas tu thugainn.

Dh’fhaodadh cumhachan eile a bhith ann

Uaireannan faodaidh luchdachadh suas rud a chruthaich thu gu aon de ar seirbheisean a bhith a’ ciallachadh gun cleachd thu goireas le cuideigin taobh a-muigh a’ BhBC. Mar eisimpleir, faodaidh tu WhatsApp a chleachdadh airson do sgeulachdan agus fianais do shùil a roinn le tv News.

Uaireannan bidh teirmichean agus cumhaichean aig an t-solaraiche a tha a’ buntainn ri bhith a’ cleachdadh an goireas aca. Bu chòir dhut an cumhaichean (lorgaidh tu iad air-loidhne) a leughadh chionns gun innis iad dhut dè dh’fhaodas an solaraiche a dhèanamh leis an rud a chruthaich thu nuair a chleachdas tu an goireas aca.

Nota mu do “Chòraichean Moralta”

Nuair a tha thu a’ luchdachadh suas rud sam bith, tha thu a’ leigeil às do chòraichean moralta ann. Tha sin a’ ciallachadh gu faod sinne a chleachdadh gun d’ aithneachadh mar an neach a chruthaich e.

Faodaidh sinn cuideachd a dheasachadh no atharrachadh gun do chead. Agus cha bhi còir agad cantainn gun do dhèilig sinn ris ann an dòigh a bha “suarach”.

Tha an tuilleadh mu do .

Change language: