±«Óãtv

Taic le cunntasan chloinne agus iomraidhean

Air ùrachadh: 14 An Dàmhair 2022

Cunntasan chloinne ±«Óãtv

Faodaidh clann de dh'aois sam bith cunntas ±«Óãtv a chur air dòigh. Ach airson an cumail sàbhailte, feumaidh clann fo aois 13 cead fhaighinn bho phàrant no neach-cùraim mus fhaod iad cuid de rudan a dhèanamh, mar beachdan fhàgail air bùird-brath.

Faodaidh tu ceadan a stèidheachadh nuair a chlàras tu airson cunntas chloinne ùr. Dìreach lean an stiùireadh.

Ma tha thu airson ceadan atharrachadh aig àm eile, tha e nas fhasa ma tha cunntais ±«Óãtv aig an dithis agaibh. Mar sin, faodaidh tu cunntas do phàiste a cheangal ris a’ chunntas agad fhèin agus ceadan a chur air dòigh aig àm sam bith. Faodaidh tu ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson cunntas ±«Óãtv mura bheil fear agad. Tha e luath is furasta a dhèanamh.

Chan fheum thu cunntas ±«Óãtv airson smachd a chumail air ceadan. Nuair a dh’fheuchas do phàiste ri rudeigin ùr a dhèanamh air a’ BhBC, mar eisimpleir beachdan fhàgail air làraich-lìn chloinne, iarraidh sinn orra cead fhaighinn bhuat fhèin. Gheibh thu post-d, no faodaidh tu .

Faigh a-mach mar a nì thu na rudan seo, agus tòrr a bharrachd, le bhith cliogadh air na ceanglaichean gu h-ìosal.

Iomraidhean chloinne air iPlayer

Air iPlayer, faodaidh clann logadh a-steach leis a’ chunntas ±«Óãtv aca fhèin. No, mar phàrant no neach-cùraim, faodaidh tu iomraidhean chloinne a chur ris a’ chunntas agad fhèin.

Faigh a-mach tuilleadh mu àrainn na cloinne air iPlayer.

Cha sheall iomraidhean chloinne ach stuthan iPlayer do luchd-cleachdaidh a tha fo aois 13 a-mhàin, leis an sin tha e sàbhailte do chlann brobhsadh air TBh. Coltach ri cunntas, tha iomradh a’ ciallachadh gum faigh iad molaidhean pearsaichte agus gum faod iad leantainn orra a’ coimhead prògram far an do stad iad ga choimhead.

Eu-coltach ri cunntas, chan obraich sin ach air iPlayer a-mhàin, agus cha bhi iad comasach air feartan làraich leithid fàgail bheachdan, bhòtadh agus cur a-steach airson farpaisean a chleachdadh. Ge-tà, faodaidh tu cunntas chloinne a chruthachadh gus tuilleadh cheadan a thoirt dhaibh.

Ma tha thu fo aois 16 agus taobh air a-muigh na RA…

Gu mì-fhortanach, cha bhi e comasach dhut ³¦±ôà°ù²¹»å³ó airson cunntas no iomradh ±«Óãtv ma tha thu fo aois 16 agus air taobh a-muigh na RA. Ma tha cunntas chloinne agad mar-thà is gu bheil thu air taobh a-muigh na RA, chan fhaigh thu na h-aon stuthan chloinne ’s a gheibh thu anns an RA.

Change language: