ąŤÓătv

Poileasaidh a' BhBC air ąĘ°ůĂŹ´Ç˛úłó˛šžąťĺąđ˛šłŚłóťĺ agus Cookies

Air ùrachadh: Giblean 2024

 

Dreach 3.3

1. Dè a tha anns a' phoileasaidh seo?

Tha am poileasaidh prĂŹobhaideachd seo airson nuair a tha thu san RA (). Tha am poileasaidh seo ag innse dhut:

  • mun fhiosrachadh a dh’fhaodadh sinn a chruinneachadh mu do dheidhinn
  • mar a dh’fhaodadh sinn am fiosrachadh a tha sin a chleachdadh
  • mar a dh’fhaodadh sinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh airson brath a chur thugad
  • mun fhiosrachadh a th’ againn mu do dheidhinn a dh’fhaodadh sinn a sgaoileadh
  • mu na roghainnean a th’ agad mun fhiosrachadh pearsanta a bheir thu dhuinn

CHUN A' MHULLAICH

 

2. Dè a tha am poileasaidh seo a' gabhail a-steach?

Tha am poileasaidh seo a’ gabhail a-steach  a th’ air an tabhann le Comhairle Craolaidh Bhreatainn.

Uaireannan tha seo a’ gabhail a-steach seirbheisean a th’ air an tabhann le pàirtean den bhuidheann a th’ air an ruith mar chompanaidhean air leth. Leithid:

ąŤÓătv World Service, , , ąŤÓătv Global News, ąŤÓătv Media Applications Technology, ąŤÓătv World Service Trading and TV Licensing agus buidhnean carthannais a’ BhBC.

Cha thachair seo ach nuair a bhios na seirbheisean sin a’ ceangal chun phoileasaidh seo no ag innse dhut gu bheil e buntainneach.

Tha an urra riut fhèin dè am fiosrachadh a tha thu ag iarraidh. Nochdaidh mÏneachadh nuair a dh'iarras sinn ort d' fhiosrachadh pearsanta a chur a-steach. A bharrachd air na tha sa phoileasaidh seo, dh'fhaodadh fios prÏobhaideachd a bhith ceangailte ri seirbheis. Anns an fhios prÏobhaideachd sin gheibhear fiosrachadh mu na bhios sinn a' dèanamh le d' fhiosrachadh pearsanta nuair a bhios tu a' cleachdadh an t-seirbheis sin. .

Dè nach eil air a ghabhail a-steach leis a’ phoileasaidh seo?

Aig amannan bidh ar seirbheisean a’ ceangal ri seirbheisean a th’ air an ruith le companaidhean eile, mar eisimpleir a’ cluich ceòl ąŤÓătv Sounds air seirbheis ciĂšil mar Spotify. Tha am poileasaidhean prĂŹobhaideachd is cookies fhèin aig na companaidhean sin, mar sin cuimhnich gum bi am fiosrachadh a bheir thu seachad a’ leantainn na riaghailtean acasan ’s nach e na riaghailtean againne.

Aig amannan bidh sinn a’ tairgsinn seirbheisean ąŤÓătv do chompanaidhean eile, leithid duilleag ąŤÓătv Radio 1 air YouTube no tro app ąŤÓătv iPlayer air TBh ceangailte. Dèan cinnteach gun toir thu sĂšil air a' phoileasaidh prĂŹobhaideachd aca gus am bi fios agad mu mar a thèid d' fhiosrachadh a chleachdadh.

CHUN A' MHULLAICH

 

3. Ciamar a bhios sibh a' dĂŹon m' fhiosrachadh pearsanta?

Tha sinn fìor dhealasach ann a bhith a’ cumail d’ fhiosrachadh fhèin agus do theaghlach sàbhailte. Bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean le prìomhachas air a thoirt do ur sàbhailteachd. Cuideachd tha sgiobaidhean sònraichte againn a bhios a’ coimhead às dèidh d’ fhiosrachadh agus do phrìobhaideachd.

Aig a’ cheart Ă m, chan urrainn seirbheis sam bith a bhith uile tèarainte - ma tha dragh ort gu bheil do  no d’ fhiosrachadh pearsanta ann an cunnart, me ma tha neach eile air d’ fhacal-faire fhaighinn, cuir fios thugainn sa bhad.

Far am bi sinn a’ stòradh d’ fhiosrachadh

Bidh cuid a chompanaidhean a bhios ag obair còmhla rinn a’ ruith sheirbheisean air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. Cha leig sinn leis an seo tachairt ach nuair a tha sinn riaraichte le na h-ĂŹrean tèarainteachd aca. Nuair a bhios tu a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn, cuimhnich gum faodadh an fhiosrachadh seo a bhith air a ghluasad, a stòradh no a chleachdadh ann an Ă ite a th’ air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. 

CHUN A' MHULLAICH

 

4. Dè an seòrsa fiosrachaidh a bhios am ąŤÓătv a' cruinneachadh mu mo dheidhinn?

Bheir sinn fiosrachadh mu carson a tha am fiosrachadh pearsanta agad a dhÏth oirnn agus mar a thèid a chleachdadh mus tòisich thu, mur a bheil e follaiseach.

a. Fiosrachadh a bhios tu a’ toirt dhuinn

’S dòcha gun iarr sinn d’ ainm agus d’ fhiosrachadh conaltraidh, do latha breith no d’ fhiosrachadh ionmhasail, a rèir dè a tha thu a’ dèanamh. Ma chuireas tu airson pĂ irt a ghabhail ann am prògram poilitigeach, mar eisimpleir, is dòcha gum faighnich sinn dhut mu do bheachdan poilitigeach. Dh’fhaodadh seo cuideachd gabhail a-steach fiosrachadh mu ąčłóĂŹ´Ç˛ő a chruthaich thu fhèin, leithid ainmean dhaoine a tha nochdadh anns a’ ąčłóĂŹ´Ç˛ő a tha sin.

Nuair a chlĂ ras tu airson cunntas ąŤÓătv, no a dh’ùraicheas tu d’ fhiosrachadh no do sheataidhean, iarraidh sinn fiosrachadh pearsanta, leithid do sheòladh post-d agus d’ aois.

b. Fios mu innealan

Tha innealan a’ ciallachadh leithid:

  • do choimpiutair
  • do mhobile
  • do ThBh
  • do thablaid
  • d’ inneal guth-stiĂširichte

Bidh sinn a’ cruinneachadh cuid a dh’fhiosrachadh teicnigeach bho na h-innealan seo agus bho bhrobhsairean lĂŹn fiĂš â€™s ged nach biodh tu air do logadh a-steach gu cunntas ąŤÓătv. Dh’fhaodadh seo na leanas a ghabhail a-steach:

  • seòladh IP (internet protocol)
  • ID inneal 
  • ID app 
  • ID reiceadair 
  • ID sanasachd 

c. Fiosrachadh mu Ă iteachan

Bidh sinn a’ cruinneachadh fiosrachaidh mu far a bheil thu nuair a chleachdas tu ar bathar agus ar seirbheisean. Tha seo gar cuideachadh gus faighinn a-mach co-dhiù a bheil thu ann an àite far a bheil seirbheisean ri fhaotainn, gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ coileanadh dhleastanasan a’ Chòir-sgrìobhte, agus gus feartan a bharrachd a thairgsinn fhad ‘s a thathar a’ cleachdadh ar bathar agus ar seirbheisean, leithid tuairmse aimsir airson an àite sa bheil thu an-dràsta.

Thèid an t-àite sa bheil thu a dhearbhadh aig ìre baile no mòr-bhaile a’ cleachdadh:

  • GPS 
  • Seòladh IP
  • Fiosrachadh mu tĂšir cealla agus puingean inntrigidh Wi-Fi a tha faisg air lĂ imh

Tha an seòrsa àite (mar eisimpleir Dùthaich, Sgìre, Mòr-bhaile no Baile) a rèir dè am bathar no seirbheis a tha thu a’ cleachdadh, an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh (mar eisimpleir Apple no Android) agus seataidhean d’ inneal (co-dhiù a bheil ceadan air no dheth). Faodaidh tu do cheadan a chur air no dheth aig àm sam bith ann an seataidhean d’ inneal. Leugh tuilleadh mu ciamar a tha apps a’ glacadh mo dhàta.

d. Fiosrachadh mu nar a bhios tu a' bruidhinn mar deidhinn air taobh a-muigh a' BhBC

Ma tha thu air ar n-ainmeachadh ann an teachdaireachd Twitter, cruinnichidh sinn d’ ainm Twitter.

e. Fiosrachadh air mar a bhios tu a' cleachdadh ar seirbheisean

Leithid na leugh thu agus na prògraman a bhios tu a' coimhead.

CHUN A' MHULLAICH

 

5. Dè cho fada 's a chumas am ąŤÓătv m' fhiosrachadh pearsanta?

Nuair a bheir thu fiosrachadh pearsanta sam bith dhuinn innsidh sinn dhut dè cho fada ’s a chumas sinn e. Agus aig a’ cheart Ă m, cumaidh sinn ri na prionnsapalan a leanas:

  • cumaidh sinn d’ fhiosrachadh cho fada ’s a tha sinn a’ dèanamh na mhĂŹnich sinn dhut no ma tha adhbhar sònraichte ann a chumail
  • bidh sinn a’ beachdachadh air an seòrsa fiosrachaidh a th’ ann, na chaidh a chruinneachadh, cho dĂŹomhair ’s a dh’fhaodadh e a bhith agus iarrtasan laghail sam bith
  • bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean gus nach bi sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh cĂ il nas fhaide na tha riatanach
  • ’s dòcha gun dĂšin sinn do chunntas ąŤÓătv mur a bheil thu air a chleachdadh taobh a-staigh bliadhna. Cuiridh sinn post-d thugad ag innse gu bheil sinn an dĂšil seo a dhèanamh mus tèid cĂ il a dhubhadh Ă s, mar sin dèan cinnteach gun toir thu sĂšil a bheil sinn air puist-d a chur thugad mun seo

CHUN A' MHULLAICH

 

6. Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m' fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh?

Feumaidh adhbhar sònraichte a bhith againn airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh. Tha “bun-stèidh laghail air lĂ imhseachadh” a’ toirt cead dhuinn seo a dhèanamh. ’S dòcha gun iarr sinn cead ort fhèin airson cuid a rudan, nuair a fo-sgrĂŹobhas tu airson puist-d mar eisimpleir. Aig amannan eile, nuair a bhiodh dĂšil agad gun cleachdadh sinn d’ fhiosrachadh pearsanta, chan iarr sinn cead ort, ach a-mhĂ in nuair:

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh airson na leanas:

a. gus ar seirbheisean a sgaoileadh agus fiosrachadh a thoirt dhut mun deidhinn

b. gus dèiligeadh le d' iarrtasan, gearainean agus ceistean

c. gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh ąŤÓătv iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd Ăšrachadh agus a chumail ceart

d. gus seirbheisean a phearsanachadh agus barrachd a chòrdadh riut a thoirt thugad

Leigidh do chunntas ąŤÓătv leat seirbheis air-loidhne a' BhBC a phearsanachadh. Tagh “Ceadaich Pearsanachadh” nuair a tha thu a' cruthachadh cunntas. Ma chruthaicheas tu cunntas agus tu fo aois 13 bidh do phearsanachadh dheth. Tha fiosrachadh mu mar a bhios tu a' cleachdadh ar seirbheisean air-loidhne air a cheangal ri fiosrachadh eile a bheir thu dhuinn airson seirbheis nas pearsanta a thoirt thugad.

Mura bheil thu airson ’s gun dèan sinn seo, faodar pearsanachadh a thionndadh dheth ann an seataidhean do chunntas. Chan fheum thu dad a dhèanamh ma tha thu fo 13 bliadhna a dh'aois. 

e. gus sanasachd iomchaidh a shealltainn dhut air lĂ raich chompanaidhean eile

An tèid fios a chur thugam airson adhbharan margaidheachd?

f. gus ar cuideachadh tuigse fhaiginn air na seirbheisean a chleachdadh tu

Agus cuideachd mar a roinneas tu rudan le daoine eile

g. gus rudan a mholadh a tha sinn den bheachd a chòrdadh riut

Dè tha “Air a mholadh dhut” a’ ciallachadh?

h. gus sanasachd a shealltainn dhut nuair a chleachdas tu seirbheis ąŤÓătv taobh a-muigh na RA

Dh’fhaodadh cuid dhen t-sanasachd seo a bhith air a dhealbh dhut.

i. airson rannsachadh agus rudan Ăšra fheuchainn

Chan e gearra-mhuc a th’ annad ach, le tuigse air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, dh’fhaodadh seo cuideachadh le bhith a’ cruthachadh teicneòlas Ăšr.

j. gus fios a chur thugad mu ghrunn rudan

Cuin a chleachdas am ąŤÓătv m' fhiosrachadh airson brath a chur thugam?

CHUN A' MHULLAICH

 

7. Cuin a chleachdas am ąŤÓătv m' fhiosrachadh airson brath a chur thugam?

’S dòcha gun cleachd sinn d’ fhiosrachadh gus brath a chur thugad mu dhiofar rudan, leithid:

Cha chuir sinn brath thugad ach nuair a tha feum no far an tug thu cead dhuinn.

Chan iarr sinn d’ fhacal-faire airson do chunntas ąŤÓătv uair sam bith.

CHUN A' MHULLAICH

 

8. An tèid fios a chur thugam airson adhbharan margaidheachd?

Mas e ’s gun dh’aontaich thu, cuiridh sinn thugad puist-d margaidheachd, brathan mu phrògraman agus seirbheisean a’ BhBC, agus iarraidh sinn do bheachdan mun a’ BhBC.

Cuimhnich, fiĂš ’s ged a chuireadh tu Ă s dhan fo-sgrĂŹobhadh, dh’fhaodadh sinn fhathast fios a chur thugad.

An tèid m’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh nuair a bhios am ąŤÓătv a’ sanasachd le companaidhean eile?

Ma tha cunntas ąŤÓătv agad ’s dòcha gun cleachd sinn fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn gus sanasachd sònraichte airson seirbheisean a' BhBC a shealltainn dhut tro lĂ raich chompanaidhean leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter. Dh’fhaodadh seo sanasachd a thoirt dhut mun a' BhBC ma tha fios againn gu bheil cunntas ąŤÓătv agad agus gu bheil thu air seirbheisean ąŤÓătv a chleachdadh.

Far am bi sinn a’ dèanamh seo, bidh sinn a’ roinn do dhàta ann am fòrmat hashed le na solaraichean sin agus mar sin, far a bheil cunntas agad air an aon ùrlar, chì thu sanasachd bhon BhBC. Anns na suidheachaidhean sin, tha sinn a’ riaghladh ghnothaichean eadar sinn ri linn ‘s gu bheil sinn a’ dearbhadh nan adhbharan agus nan dòighean air d’ fhiosrachadh pearsanta a làimhseachadh eadar sinn.

Bidh sinn cuideachd a’ measadh feartan sònraichte nar luchd-cleachdaidh gus daoine eile a tha coltach riuthasan a lorg agus sanasachd a thabhann dhaibh.

Mura bheil thu airson sanasachd a tha ag amas ort fhèin a-mhĂ in fhaicinn, faodaidh tu roghainnean sanasachd a stèidheachadh nad sheataidhean air lĂ raich chompanaidhean meadhanan sòisealta. Cuideachd, faodaidh tu pearsanachadh a chur dheth nad chunntas ąŤÓătv.

CHUN A' MHULLAICH

 

9. Cuin a bhios am ąŤÓătv a’ roinn m' fhiosrachadh pearsanta le daoine eile?

Cha reic sinn d’ fhiosrachadh gu bràth. Bidh sinn ga sgaoileadh sna dòighean a leanas:

a. Nuair a nĂŹ thu rudeigin poblach

Leithid beachd a chur a chĂŹ daoine.

b. Nuair a bhios sinn a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus ar seirbheisean a ruith

Gus cothrom deagh sheirbheis a thoirt dhut agus tuigse fhaighinn air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, bidh sinn tric a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus d’ fhiosrachadh pearsanta a lĂ imhseachadh Ă s ar leth. Mar eisimpleir, a’ cur puist-d thugad mu rudan a dh’fhaodadh còrdadh riut, airson do bheachdan fhaighinn air ar seirbheisean no measadh a dhèanamh air dĂ ta gus ar seirbheisean digiteach a leasachadh.

NĂŹ sinn cinnteach gun tèid an aon chĂšram a ghabhail le d’ fhiosrachadh pearsanta ’s a ghabhadh sinne nam biodh sinn fhèin a’ dèiligeadh ris. Tha sinn a’ taghadh chompanaidhean gu faiceallach, le cĂšram, a’ sgaoileadh dĂŹreach na dh’fheumas iad airson na h-obrach agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cumail d’ fhiosrachadh tèarainte.

c. Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh fiosrachadh pearsanta le companaidhean ann an teaghlach a’ BhBC

Dè a tha am poileasaidh seo a' gabhail a-steach?

d. Nuair a bhios tu a’ cleachdadh seirbheisean chompanaidh eile a bhios a’ ceangal rinn, leithid innealan guth-stiĂširichte agus TBh ceangailte

Gheibh thu gu ar seirbheisean le bhith a' cleachdadh inneal guth-stiĂširichte, leithid Amazon Alexa no TBh ceangailte. Feumaidh tu logadh a-steach gud chunntas ąŤÓătv airson seirbheisean a' BhBC a chleachdadh air TBh ceangailte. Nuair a nĂŹ thu seo, sgaoilidh sinn aithnichear airson do chunntas ąŤÓătv ris a' chompanaidh a bhios a’ ruith an t-seirbheis a tha thu a' cleachdadh. Thoir sĂšil air poileasaidh prĂŹobhaideachd a' chompanaidh sin airson faighinn a-mach mar a chleachdas iad d' fhiosrachadh. Chan eil uallach air a' BhBC nuair a thèid thu gu seirbheis ąŤÓătv tro chompanaidh eile. Tha an urra riut fhèin ma tha thu airson faighinn gu seirbheisean a' BhBC anns an dòigh seo.

e. Nuair a bhios sinn a’ dèanamh rannsachadh co-obrachail

Bidh sinn a’ rannsachadh agus a’ co-obrachadh le buidhnean eile. Bho Ă m gu Ă m bidh sinn a’ roinn ar stuthan is dĂ ta leotha. Dh'fhaodadh seo gabhail a-steach fiosrachadh a chruinnich sinn mud dheidhinn fhèin. Tha sinn cĂšramach mu na bhios sinn a’ sgaoileadh agus na dh’fhaodas ar buidhnean rannsachaidh a dhèanamh leis.

f. Ceadachd Telebhisein

Bidh sinn a’ roinn cuid a dh’fhiosrachadh pearsanta le , gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh ąŤÓătv iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd Ăšrachadh agus a chumail ceart.

g. Uaireannan feumaidh sinn d’ fhiosrachadh a thoirt do bhuidhnean eile a rèir an lagh.

’S dòcha gu feum sinn d’ fhiosrachadh a sgaoileadh a rèir an lagh, no nuair a dh’fheumas sinn thu fhèin no daoine eile a dhìon bho chron.

CHUN A' MHULLAICH

 

10. Dè a tha eadar-dhealaichte dha clann ’s dha deugairean?

Tha seirbheisean aig a’ BhBC a tha càirdeil do chloinn agus do dheugairean.

Seo na bhios a’ tachairt nuair a bhios tu gan cleachdadh.

a. Carson a bhios sinn a’ cruinneachadh fiosrachadh mud dheidhinn sa chiad dol a-mach?

Bidh sinn a’ cumail fiosrachadh mud dheidhinn gus an tèid againn air:

b. Innsidh sinn dhut an còmhnaidh carson a tha sinn a’ cruinneachadh d’ fhiosrachadh pearsanta

Mìnichidh sinn carson agus ciamar a chleachdas sinn e agus dè cho fada. ’S e “fios prìobhaideachd” a th’ air an seo. Ma tha cead pàrant no neach-cùraim a dhìth oirnn bheir sinn stiùireadh soilleir dhut air dè a tha dhìth.

c. Chan eil e ceadaichte dhuinn d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh ach airson adhbhar sònraichte

Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m' fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh?

d. Bidh sinn a’ roinn fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn le buidhnean eile, a’ leantainn na riaghailtean

’S e a’ phrìomh riaghailt nach reic sinn d’ fhiosrachadh pearsanta gu neach sam bith.

Cuin a bhios am ąŤÓătv a’ roinn m' fhiosrachadh pearsanta le daoine eile?

e. ’S dòcha gun iarr sinn d’ aois

Gus dèanamh cinnteach gun cleachd thu pàirtean dhen a’ BhBC a tha freagarrach. Mar eisimpleir:

f. Uaireannan iarraidh sinn cead bho phĂ rant no neach-cĂšraim

Chì thu brath. ’S dòcha gun iarr sinn fiosrachadh bhuapasan cuideachd, ach am bi e comasach dhuinn fios a chur thuca. Aig amannan eile dh’fhaodadh sinn fios a chur dìreach gud phàrant no neach-cùraim:

g. Uaireannan cuiridh sinn fios gud phàrantan mu na tha thu a’ dèanamh

Mar eiseimpleir, ma chuireas tu a-steach airson farpais, 's dòcha gun cur sinn brath gud phàrant.

h. Nuair a dh’fhaodas sinn fios a chur thugad

Uaireannan bidh againn ri fios a chur thugad ach leanaidh sinn na riaghailtean seo gach turas.

i. Tha e furasta ar cleachdadh

Tha e na dhleastanas oirnn d’ fhiosrachadh pearsanta a chumail sĂ bhailte. Bidh sinn a’ toirt prĂŹomhachas dha do shĂ bhailteachd nuair a bhios sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean. Tha sinn an còmhnaidh a’ lorg dhòighean seo a leasachadh.

Tha rudan ann is urrainn dhut fhèin a dhèanamh gus cumail sĂ bhailte, leithid smaointinn mun  agus mar a chumas tu d’ innealan tèarainte.

j. Chan e ròbotan ach mac an duine a nĂŹ co-dhĂšnaidhean mòra a bheir buaidh ort

Ciamar a tha m’ fhiosrachadh air a chleachdadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh?

k. ’S dòcha nach tèid agad air ar seirbheisean a chleachdadh ma tha thu air taobh a-muigh na RA

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA ’s dòcha nach tèid agad air cuid de sheirbheisean fhaighinn, leithid CąŤÓătv agus CBeebies.

Agus ’s dòcha nach bi e comasach dhut cunntas ąŤÓătv fhaiginn. Duilich mun sin.

l. Tha smachd agadsa air mar a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh

’S e pìosan dàta a th’ air an stòradh air d’ inneal nuair a chleachdas tu seirbheis a th’ ann an cookies.

Bidh sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh airson fiosrachadh mu dè seòrsa inneal a tha thu a’ cleachdadh gus faighinn gu ar seirbheisean agus clàraidh sinn fios leithid na làraich air am bi thu a’ tadhal, do sheòladh IP (àireamh sònraichte a bhios d’ inneal a cruthachadh gach turas a nì thu ceangal chun eadar-lìon) agus airson gnothaichean a dhèanamh nas fhasa dhut, leithid cuimhneachadh far an robh thu ann an geama no dè an emoji a thagh thu.

Faodaidh tu cuid a chookies agus teicneòlas dhen leithid a chur dheth. No faodaidh do phĂ rant no do neach-cĂšraim seo a dhèanamh dhut ma tha thu fo 13.

Chan eil e comasach cookies eile a thionndadh dheth.

m. Na bhios sinn a’ dèanamh nuair a dh’fhoillsicheas, a sgaoileas no a luchdaicheas tu suas rudeigin

Nuair a chuireas tu rudeigin thugainn nĂŹ sinn ar dĂŹcheall innse dhut dè tha sinn an dĂšil a dhèanamh leis.

n. Tha còraichean prĂŹobhaideachd agad, co-ionann ri inbhich, mar sin cuir eòlas orra

Faodaidh tu:

Ma tha thu 13 no nas sine, faodaidh tu fhèin seo a dhèanamh, ach chan fhaod fad na h-ùine. Uaireannan bidh sinn ag iarraidh air do phàrant no do neach-cùraim a dhèanamh. Ma thu thu fo 13 tha e glè choltach gur e do phàrant no do neach-cùraim a dh’fheumas seo a dhèanamh dhut.

Dè na còraichean a th' agam?

CHUN A' MHULLAICH

 

11. Am faod mi m' fhiosrachadh a dhubhadh Ă s?

Tha seo a rèir ’s dè am fiosrachadh air a bheil thu a’ bruidhinn.

a. Ma tha a’ bruidhinn mu chunntas ąŤÓătv

Faodaidh tu do chunntas a dhubhadh Ă s. Tha fiosrachadh do chunntas air a dhubhadh Ă s sa bhad. Cuimhnich:

  • bidh sinn a’ cumail clĂ r air mar a chleachd thu ar seirbheisean, ach cha tèid an fhiosrachadh seo a cheangal riutsa
  • bidh sinn cuideachd a’ cumail rudan a luchdaich thu suas no air an tug thu beachd

b. Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile a tha mi air a roinn leibh?

’S dòcha gu bheil sinn air fiosrachadh pearsanta eile a chruinneachadh aig nach eil ceangal sam bith rid chunntas ąŤÓătv agus a tha thu airson a dhubhadh Ă s.

CHUN A' MHULLAICH

 

12. Dè na còraichean a th' agam?

Cuimhnich, ’s ann agadsa a tha smachd air d’ fhiosrachadh pearsanta.

Tha còir agad:

Cuimhnich, aig amannan cha bhi e comasach dhuinn do chuideachadh. Ma tha e an aghaidh an lagh no ma tha e mar phĂ irt de ar seirbheis naidheachd mar eisimpleir.

CHUN A' MHULLAICH

 

13. Ciamar a bhios am ąŤÓătv a' cleachdadh cookies is tracadh den leithid?

a. Dè th’ ann an cookies agus teicneòlas tracaidh?

’S e pìosan dàta a tha air an stòradh air do choimpiutair no d’ inneal mobile nuair a bhios tu a’ tadhal air làrach-lìn no app a th’ ann an cookies.

Tha fiosrachadh tracaidh eile a tha glè choltach againn cuideachd.

b. Carson a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh eile?

Gus rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh:

  • airson cuimhne a chumail air fiosrachadh mud dheidhinn, gus nach bi feum agad air a thoirt dhuinn a-rithist. Agus a-rithist. Agus a-rithist
  • gus do chumail air do logadh a-staigh, fiĂš ’s air innealan eadar-dhealaichte
  • gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a’ cleachdadh ar seirbheisean, ach am bi iad cho math sa ghabhas
  • gus sanasachd a chur air lĂ raich air taobh a-muigh na RA
  • gus ar cuideachadh ann a bhith a’ pearsanachadh a’ BhBC le bhith cuimhneachadh air do sheataidhean agus do roghainnean. Agus gus do chuideachadh, a’ leigeil dhut stad agus an uairsin leantainn ort far an do stad thu a’ coimhead prògram, fiĂš ’s air inneal eadar-dhealaichte.
  • airson faighinn a-mach an deach ar puist-d a leughadh no ma tha iad feumail dhut

c. Dè na seòrsachan cookies a th’ ann?

Tha cuid de chookies daonnan air nuair a thadhalas tu oirnn, agus chan urrainn dhut an cur dheth mura tèid seataidhean do bhrobhsair atharrachadh. ’S e “cookies riatanach” a chanar riutha seo. Bidh sinn gan cleachdadh airson dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean ag obair ceart is gu bheil sinn a’ tairgsinn na tha an luchd-cleachdaidh ag iarraidh.

Cuideachd bidh sinn a’ cleachdadh cookies fuincseanach, coileanaidh agus sanasachd gus seirbheis nas fheĂ rr a thoirt thugad. Faodar an cur air no dheth aig Ă m sam bith mar a thogras tu. Thèid an cleachdadh a-mhĂ in ma dh’aontaich thu ris an sin.

Cuimhnich gu bheil cookies eile ann a bhios companaidhean eile a’ cleachdadh. Dh’fhaodadh na "cookies treas partaidh" seo tracadh mar a bhios tu a’ cleachdadh lĂ raich eadar-dhealaichte, an fheadhainn againne nam measg. Mar eisimpleir, ’s dòcha gum faigh thu cookie bho chompanaidh meadhanan sòisealta nuair a tha cothrom air rudeigin a’ sgaoileadh. Faodar an cur dheth, ach chan ann tromhainne.

d. Dè cho fad ’s a mhaireas cookies?

Thèid cuid a dhubhadh Ă s nuair a dhĂšineas tu am brobhsair air an lĂ rach no air an app. Bidh cuid eile ann nas fhaide, uaireannan gu brĂ th, agus air an sĂ bhaladh gud inneal far am bi iad nuair a thilleas tu.

e. Ciamar a chumas mi smachd air cookies agus tracadh?

Bidh cookies riatanach air fad na h-Ăšine nuair a thadhlas tu oirnn. Gheibh thu fios mu na cookies eile againn a’ chiad turas a thadhlas tu oirnn, agus iarraidh sinn ort taghadh a dhèanamh air na cookies a dh'fhaodas sinn a chleachdadh. Faodaidh tu d’ inntinn atharrachadh uair sam bith le bhith ag atharrachadh do sheataidhean.

Le bhith a’ cur bacadh air cookies uile gu lèir, dh’fhaodadh nach tèid agad air cuid de sheirbheisean a’ BhBC fhaighinn, no nach obraich cuid mar a bu chòir.

Cleachd seataidhean d’ inneal airson smachd a chumail air tracadh.

CHUN A' MHULLAICH

 

14. Ciamar a gheibh mi fios mu atharrachaidhean air a’ phoileasaidh seo?

Uaireannan bidh sinn ag ùrachadh am poileasaidh a tha seo. Cuiridh sinn fios thugad ma nì sinn atharrachaidhean cudromach, leithid mar a bhios sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta. Dh’fhaodadh gur e sanas, post-d no teachdaireachd san app a bhios ann.

Mura bheil thu ag aontachadh ri na h-atharrachaidhean seo, faodaidh tu sguir a chleachdadh ar seirbheisean, do chunntas a dhubhadh Ă s agus stad a chur air a bhith a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn. Bhiodh sinn duilich nam fĂ gadh tu.

CHUN A' MHULLAICH

 

15. Ciamar is urrainn dhomh brath a chur chun a’ BhBC?

Faigh a-mach mar a chuireas tu fios thugainn mu do chòraichean.

Airson ceistean no beachdan sam bith mun phoileasaidh seo cuir brath gu ar Oifigear DĂŹon DĂ ta:

  • tro phost-d
  • tron phost: ąŤÓătv Data Protection Officer, C/o DPO Team, Floor 6 C, London Broadcasting House, W1A 1AA

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA, cuir fios gu ąŤÓătv Studios Oifigear DĂŹon DĂ ta:

  • tro phost-d
  • tron phost: ąŤÓătv Studios DPO, Regulatory Affairs, 1 Television Centre, 101 Wood Lane, London, W12 7FA

Tha sinn air ar riaghladh le  Faodar fios a chur thuca airson comhairle no taic.

CHUN A' MHULLAICH

 

Atharraich cĂ nan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: