tv

Prìomh fhiosrachadh

Tha a' Ghrian a' toirt dhuinn teas agus solas. Saoil dè th' anns a' ghrèin?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an grian
  • Mar a bhios teas agus solas na grèine a' toirt buaidh air ar beatha làitheil
  • Dè th' ann an solas ultra-bhiolait

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu ghrian.

Dè th' anns a' ghrèin?

  1. 'S e rionnag a tha sa ghrèin, ball soillseach air a dhèanamh de ghasaichean deàlrach.
  2. 'S e gas ris an canar haidridean a tha sa chuid as motha dhen ghrèin.
  3. Tha a' Ghrian uabhasach mòr. Dh'fhiotadh an Talamh anns a' ghrèin faisg air millean turas.
  4. Tha a' Ghrian a' toirt dhuinn teas agus solas, fiù 's ged a tha i 150 millean cileameatair air falbh bhon Talamh!
  5. Tha a' Ghrian cuideachd a' toirt dhuinn solas ultra-bhiolait. 'S e seòrsa de ùٳ a tha seo nach faic agus nach fairich thu, ach a dh'fhaodas do losgadh.

Cumhachd na grèine

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, , Inneal-clàraidh grèine Bidh an t-inneal-clàraidh grèine seo a' fòcasadh gathan na grèine tron bhall chriostail agus a' losgadh toll air a' chairt a tha fodha. Tha àireamh nan làraich loisgte agus an fhaid aca a' sealltainn dè na bh' ann de sholas na grèine tron latha.
Back to top

  • rionnag – Ball soillseach de ghasaichean deàlrach le haidridean agus helium nam measg.

  • solas ultra-bhiolait – Seòrsa de ùٳ a bhios a' tighinn bhon ghrèin. Faodaidh solas ultra-bhiolait buaidh a thoirt air ar craiceann. Loisgidh e sinn mura toir sinn an aire.

  • è-èԱ – Cè sònraichte airson a chur oirnn gus nach loisg a' ghrian sinn.

  • deatachadh – Nuair a bhios uisge a' dol na ghas.

  • deatach uisge – Uisge ann an riochd gas neo-fhaicsinneach.

Back to top

Ceistean

Back to top

Faigh a-mach mar a ghabhas ùٳ na grèine a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Lùth na grèine. revision-guide

Bidh ùٳ na grèine a' cleachdadh an ùٳ a tha sa ghrèin airson dealan a ghintinn. Faigh a-mach ciamar a tha ùٳ na grèine ag obrachadh agus mar dh'fhaodas e ar cuideachadh gus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.

Lùth na grèine
Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic