tv

Prìomh fhiosrachadh

Chì sinn òٳ󲹲 a h-uile latha agus tha iomadh seòrsa ann.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an sgòth
  • Mu dhiofar sheòrsachan òٳ󲹲
  • Mu dheidhinn -ùٳ󲹳󲹻

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu òٳ󲹲.

Dè th' ann an sgòth?

  1. Nuair a tha thu pìos bhuapa, 's dòcha gu bheil coltas clòimh-chotain air òٳ󲹲 ach 's e uisge a th' annta.

  2. Bidh òٳ󲹲 air an cruthachadh nuair a dh'fhuaraicheas an èadhar. Bidh seo ag atharrachadh gas nach fhaic sinn san èadhar ris an canar gu bhith na bhoinneagan uisge, no fiù 's chriostalan deighe beaga, bìodach. Canar -ùٳ󲹳󲹻 ris an atharrachadh seo.

  3. Tha na boinneagan uisge mòr gu leòr airson an solas a ghlacadh agus mar sin chì sinn iad, ach tha iad cho beag 's cho aotrom 's gum bi iad dìreach crochte san adhar gun tuiteam idir.

  4. Bidh na boinneagan uisge gu lèir a' tighinn còmhla agus a' dèanamh òٳ󲹲.

Diofar sheòrsachan òٳ󲹲

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Sgòthan ann an adhar gorm, Tha òٳ󲹲 ann de gach meud is cruth – bheir sinn sùil air cuid dhen fheadhainn as cumanta. An robh fios agad gu bheil iomadh seòrsa sgòth ann?
Back to top

cirrus - Sgòthan tana, stireach coltach ri itean, a bhios mu 6,000m shuas san adhar.

cumulus - Sgòthan coltach ri clòimh-chotain no clòimh-mhilis. 'S àbhaist dhaibh a bhith eadar 300 is 2,000 meatair shuas san adhar.

stratus - Sgòthan a tha glè thric còmhnard agus nach bi a' gluasad. Air latha dorcha, gruamach bidh iad a' sgaoileadh tarsainn an adhair coltach ri plaide.

nimbus - Bidh sinn a' cur an fhacail 'nimbus' ri ainmean òٳ󲹲 airson cunntas a thoirt orra nuair a tha uisge no sneachd a' sileadh asta. Mar eisimpleir, 's e sgòth thàirneanaich dhorcha le uisge a' sileadh aiste a th' ann an cumulonimbus.

Back to top

Ceistean

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic