tv

Bidh lùth na grèine a' cleachdadh an lùth a tha sa Ghrèin airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Mar a bhios lùth na Grèine a' faighinn thugainn
  • Mar a tha ceallan grèine agus panailean grèine ag obrachadh
  • An lùth a bhios panailean agus ceallan grèine a' cleachdadh
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth na grèine

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Carson a tha lùth na grèine feumail?

Tha a' Ghrian a' gintinn lùth dealrach a bhios i a' cur a-mach mar theas agus solas. Bidh solas na grèine a' siubhal 147 millean km gu Talamh ann am beagan is 8 mionaidean. Tha tòrr mòr de lùth na Grèine a' ruigheachd na Talmhainn gach latha.

Ciamar a bhios panailean grèine ag obrachadh?

Image caption,
Àireamhair a tha ag obrachadh le cumhachd na grèine. Tha na ceallan grèine os cionn nam putain, air an làimh dheis. Tha na ceallan seo a' gintinn an lùth a dh'fheumas an t-àireamhair airson obrachadh. (PaulPaladin / Alamy Stock Photo)

Nuair a bhios solas na grèine a' bualadh ann an uachdar na Talmhainn, bidh sinn a' glacadh pàirt dheth le - panailean mòra air an dèanamh suas de .

Chì thu eisimpleirean de cheallan grèine air uachdar cuid de dh'à𲹳󲹾𲹲.

Ma chòmhdaicheas tu na ceallan grèine fada gu leòr, thèid an t-àireamhair dheth oir cha bhi an solas a-nis a' faighinn thuige airson cumhachd a thoirt dha.

Image caption,
Àireamhair a tha ag obrachadh le cumhachd na grèine. Tha na ceallan grèine os cionn nam putain, air an làimh dheis. Tha na ceallan seo a' gintinn an lùth a dh'fheumas an t-àireamhair airson obrachadh. (PaulPaladin / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Taigh ann am Muile le panailean grèine air a' mhullach. Tha mòran thaighean ùra gan togail a-nis le panailean grèine air a' mhullach. (Tim Graham / Alamy Stock Photo)

Nuair a bhuaileas solas na grèine fillidhean am broinn nan ceallan grèine, tòisichidh teàrrds dealain a' fàs, a' cruthachadh sruth dealain.

Bidh ceallan grèine mar as trice air mullaich thaighean is thogalaichean agus thèid aca air dealan a ghintinn agus uisge a theasachadh an-asgaidh.

San Leth-chruinne a Tuath (a' gabhail a-steach Alba) obraichidh panailean grèine nas fheàrr ma bhios iad a' coimhead gu deas. Bidh iad mar sin a' coimhead ris a' ghrèin fad an latha.

Image caption,
Taigh ann am Muile le panailean grèine air a' mhullach. Tha mòran thaighean ùra gan togail a-nis le panailean grèine air a' mhullach. (Tim Graham / Alamy Stock Photo)

Bhon a tha panailean grèine an urra ri solas na grèine, cha bhi iad a' gintinn dealan ach tron latha nuair a tha solas na grèine a' deàrrsadh orra.

Ma tha i òٳ󲹳, chan eil iad cho èifeachdach, agus cha bhi iad a' gintinn dealan air an oidhche.

Ma tha panailean grèine agad agus tu a' cleachdadh dealan air an oidhche, bidh thu a' faighinn dealan on , 's chan ann on phanail grèine oir cha bhi panailean grèine a' stòradh lùth.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Cha bhi panailean grèine a' gintinn dealan air an oidhche chionn chan eil solas na grèine ann. (Francisco Javier Ramos Rosellon / Alamy Stock)

Tuathan grèine

'S e farsaingeachdan mòra fearainn a ghabhas an còmhdach le mìltean de phanailean grèine a ghineas tòrr dealain a th' ann an tuathan grèine.

Air cuid de thuathan grèine tha panailean grèine suidhichte agus an-còmhnaidh a' coimhead an aon taobh. Air cuid eile tha panailean gluasadach a bhios a' tionndadh gus am bi iad an-còmhnaidh a' coimhead ris a' ghrèin. Tha seo gan cuideachadh gu bhith a' gintinn uiread 's a ghabhas de dhealan.

Tha bataraidhean air tuathan grèine a bhios a' stòradh lùth airson gun cùm iad orra a' toirt dealan dha na mìltean dhachaighean fiù 's nuair nach eil grian ann.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 2, , Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt, Alba Tha an tuath grèine as motha ann an Alba, a dh'fhosgail ann an 2016, air Oighreachd Errol ann an Siorrachd Pheairt. Tha 55,000 panail grèine ann a tha a' toirt dealan do chòrr is 3,500 dachaigh.

Lùth solais

Tha lùth solais anns a' Ghrèin a bhios a' siubhal gu Talamh agus a tha an uair sin air a ghlacadh le panailean grèine.

Tha rudan eile mar bolgain-solais, teine, toirds agus solais-trafaig a' cur a-mach lùth solais.

Faodaidh e bhith furasta mearachd a dhèanamh eadar lùth solais agus lùth teas oir tha tòrr rudan a bhios a' cur a-mach lùth solais cuideachd a' cur a-mach lùth teas.

Ach cuimhnich ge-tà gur e dìreach lùth solais bhon ghrèin a bhios panailean grèine a' cleachdadh.

Chan eil an teòthachd a' dèanamh atharrachadh sam bith anns an uiread de lùth a thèid a ghintinn le panail grèine. Mar sin chan eil e gu diofar an e latha teth no fuar a th' ann. 'S e dè cho làidir 's a tha solas na grèine a tha a' dèanamh an diofair.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth na grèine

Buannachdan

  • Tha e chionn cha teirig lùth na Grèine fad bhilleanan bhliadhnaichean.

  • Chan eil gasaichean cronail air an cruthachadh le panailean grèine, agus tha e mar sin math dhan àrainneachd.

  • Ma tha a' ghrian a' deàrrsadh air panail grèine air an taigh agad, faodaidh tu an lùth a chleachdadh an-asgaidh, agus bidh cunntasan an dealain nas lugha.

Eas-bhuannachdan

  • Chan eil panailean grèine gu feum nuair a tha i òٳ󲹳 (agus mar sin tha tuathanasan grèine nas èifeachdaiche far nach eil uiread de chòmhdach sgòth).

  • Cha bhi panailean grèine a' gintinn dealan air an oidhche.

  • Chan urrainn panailean grèine lùth a stòradh, agus feumaidh tu mar sin an dealan a tha iad a' gintinn a chleachdadh nuair a tha a' ghrian a' deàrrsadh. Feumaidh tu bataraidhean airson an lùth a thèid a ghintinn a stòradh. Tha iad sin daor.

Back to top

cealla grèine – Bidh ceallan grèine ag atharrachadh solas bhon ghrèin gu dealan. Gabhaidh mòran cheallan grèine a chur còmhla airson panail grèine a dhèanamh. Tha ceallan grèine air an dèanamh de stuth ris an canar sileacon.

panail grèine – Tha panailean grèine air an cleachdadh airson dealan a ghintinn. Bidh iad air togalaichean, ach faodar an cleachdadh cuideachd air tuath grèine airson cumhachd na grèine a chruinneachadh. Tha panailean grèine air an dèanamh le mòran cheallan grèine.

sileacon – 'S e eileamaid cheimigeach a gheibhear ann an rùsg na Talmhainn a th' ann an sileacon. Tha sileacon air a chleachdadh ann an tiops choimpiutairean, ceallan grèine agus uidheaman eileagtronaigeach eile.

Griod Nàiseanta – Canar an Griod Nàiseanta ris an lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean cumhachd a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean, na sgoiltean agus na gnothachasan againn.

Back to top

ù

Dèan bileag

Dèan bileag fiosrachaidh airson ìmpidh a chur air cuideigin panailean grèine a chur air an taigh aca.

Thoir iomradh air na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan agus mìnich mar a bhios panailean grèine a' cleachdadh lùth na Grèine airson lùth a ghintinn dha na dachaighean aca.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic