tv

Leughadh

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air litreachas.

Sgeulachd: Glacte

Bha mi air mo ghlacadh ann an solas làidir geal a bha a' deàrrsadh a-nuas orm. Cha b' e seo a' chiad turas a thachair e dhomh anns an t-saoghal san robh mi beò a-nis.

Bha mi air ionnsachadh gum b' e an rud a b' fheàrr a dhèanamh fuireach far an robh mi gus an d' rachadh sguab an t-solais seachad orm. An uair sin dh'fhaodainn mo shlighe a dhèanamh dhan taobh thall agus biadh fhaighinn dha mo chuideachd.

Bha agam ri seo a dhèanamh a h-uile oidhche. A-raoir chaidh deagh charaid dhomh a mharbhadh. Dh'fheuch e ri ghluasad a-mach às an t-solas, ach ged a rinn e sin chaidh a leagail gu làr. Tha a chorp ann an seo fhathast, beagan shlatan air falbh bhuam.

Sin an solas seachad a-nis. Feumaidh mi ruith. Bidh an ath sholas a' deàrrsadh an ceann mionaid no dhà. Tha a' bheatha seo làn de chunnartan. Chan eil càil a dh'fhios agad cuin a thig càr, ceithir cuibhlichean agus an uair sin chan eil dol às agad. 'S e beatha chunnartach a tha ann am beatha gràineig.

Related links