tv

Leughadh

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air cultar.

San Francisco, Ameireagaidh
Image caption,
San Francisco, Ameireagaidh

Siubhal: Ann an New York – Màiri Chaimbeul

Uill, seo mise, ann an New York. Chan eil mi a' faireachdainn ro sgìth ged a bha mi air a' phlèan seachd uairean a thìde. Tha New York cho brèagha agus beothail! 'S ann anns an Vacation Inn faisg air a' phort-adhair a tha mi a' fuireach airson a' chiad oidhche.

A-màireach bidh mi a' dol air turas timcheall a' bhaile mhòr seo ann am bus gun mhullach. Tha e a' cosg $70, ach tha daoine ag ràdh gum bi an t-airgead air a dheagh chosg. Tha an turas a' toirt trì uairean a thìde agus chì mi na h-àiteachan as inntinniche ann an New York. Tha fadachd orm gach rud fhaicinn.

Diciadain bidh mi a' togail orm anns a' phlèan gu San Francisco far am faic mi bràthair mo mhàthar 's a theaghlach. Tha e a' dèanamh obair-rannsachaidh airson buidheann choimpiutaireachd mhòr ann an Cupertino.

Thadhail na co-oghaichean orm ann an Inbhir Nis an-uiridh agus thug iad cuireadh dhomh a thighinn a choimhead orra. Tha mi a' coimhead air adhart rin coinneachadh a-rithist. Tha dithis dhiubh ann - Kara agus Ben. Tha iad faisg air an aois agam fhìn.

Cuiridh mi barrachd fios air-loidhne an ceann latha no dhà. Gus an uair sin, slàn leibh!

Related links