tv

Leughadh

Bheir an earrann seo cothrom dhut do sgilean leughaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 4. Tha an earrann stèidhichte air cultar.

Dealbh de làrach-thogail
Image caption,
Dealbh de làrach-thogail

Eachdraidh-beatha

Tha Seonag NicShimidh a bhuineas dhan sgìre seo na h-annas do mhòran oir tha i ag obair mar neach-togail, gnìomhachas anns a bheil a' mhòr-chuid fireann. Chan eil ise air a bhith ag obair ann an oifis no bùth, 's ann a tha i nas toilichte a bhith a' togail thaighean, oifisean agus bùthan.

Tha Seonag a-nis 50 agus fad bhliadhnaichean tha i air a bhith a' siubhal na dùthcha a' sireadh obair air làraichean togail. Chan eil e gu diofar dhìse dè an seòrsa aimsir a tha ann, fliuch no fuar, grian no dìle, tha i toilichte a bhith ag obair còmhla ri a co-obraichean.

Tha fòn-làimhe, cù agus GPS anns a' bhan-champachaidh aice. 'S iad sin na caraidean dlùth aice. Tha i air a bhith pòsta dà thuras agus air dealachadh dà thuras cuideachd. Tha 'Rocky', an Abhag Sgitheanach aice, a' dol còmhla rithe don h-uile àite. Thuirt i, 'Cheannaich mi an cù aon Disathairne agus Diluain bha e còmhla rium anns a' chàr aig làrach ann an Sasainn'.

Thuirt Seonag nach b' urrainn dhi smaoineachadh air beatha na b' fheàrr. Ma nì thu d' obair gu math, cosnaidh tu deagh spèis an luchd-obrach.

Chaidh fhaighneachd dhi dè dhèanadh i nuair a leigeadh i dhith a dreuchd. Fhreagair i gun robh carabhan mòr aice ann an Cill Rìmhinn agus gum bu thoigh leatha fuireach ann an sin nuair nach b' urrainn dhi obair a dhèanamh tuilleadh.

More guides on this topic

Related links