tv

A' cleachdadh cheudadan gus lasachadh prìse obrachadh a-mach

Uaireannan bidh bùithtean a' tabhann lasachadh prìse mar cheudad.

Ma tha a' bhùth a' tabhann lasachadh de \(25\%\) obraichidh sinn a-mach \(25\%\) dhen phrìs bho thùs.

An uair sin thoir-air-falbh am freagairt bhon phrìs thùsail agus gheibh thu a' phrìs ùr.

Eisimpleir

Tha bùth a' tabhann lasachadh de \(30\%\) air an stuth gu lèir. Dè phàigheadh tu air rud as àbhaist a bhith \(\pounds140\)?

Freagairt

\(30\%\) de \(\pounds140\)

\(= \frac{{30}}{{100}} \times 140\)

\(= \pounds42\)

Pris ùr \(= \pounds140 - \pounds42 = \pounds98\).