tv

Òrdugh obrachaidhean

Tha CÒRICT a' ciallachadh 'camagan', 'òrdugh', 'roinn', 'iomadaich', 'cuir-ris' agus 'thoir-air-falbh'. Tha an t-òrdugh anns an dèan thu obrachadh glè chudromach.

Dè th' ann an \(2 + 3 \times 4\) ?

Ma dh'obraicheas sinn a-mach a' phàirt \(2 + 3\) an toiseach, gheibh sinn:

\((2 + 3) \times 4\)

\(= 5 \times 4 = 20\)

Ma dh'obraicheas sinn a-mach a' phàirt \(3 \times 4\) an toiseach, gheibh sinn:

\(2 + (3 \times 4)\)

\(= 2 + 12 = 14\)

Tha an dà fhreagairt seo eadar-dhealaichte – ach dè am fear a tha ceart?

Tha CÒRICT ag ràdh gu bheil 'iomadaich' a' tighinn ro 'cuir-ris'; mar sin 's e an dara freagairt a tha ceart:

\(2 + 3 \times 4 = 2 + 12 = 14\)