±«Óătv

Co-mheas

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad.

Eisimpleir

Tha \(3\) cait agus \(7\) coin aig tuathanach.

Sgrìobh co-mheas nan cat ri coin agus co-mheas nan con ri cait.

Cait : Coin = \(3 : 7\)

Coin : Cait = \(7 : 3\)

Question

Tha \(85\) caoraich agus \(15\) mart cuideachd aig an tuathanach.

Sgrìobh co-mheas nam mart ri caoraich san riochd as sìmplidhe.