±«Óătv

Iomadachadh

Ag iomadachadh le àireamh slàn trì-figearan

Gus \(237\) iomadachadh le \(324\) gun Ă ireamhair, faodaidh tu a sheatadh a-mach mar seo:

Diagram of a multiplication sum.

Bidh thu a' dèanamh a' chiad dà loidhne dhen obrachadh san aon dòigh 's a bh' againn air duilleag 1.

San treas loidhne tha sinn ag iomadachadh le \(300\) (trì ceudan). Bhon a tha sinn ag iomadachadh le ceudan, 's e daonnan neoni a bhios ann am figear nan deichean agus an aonaid.

Diagram of a multiplication sum.

Ann an dòigh coltach ris an obrachadh gu h-àrd: \(3 \times 7 = 21\) cuir \(1\) ann an colbh nan ceudan agus thoir leat \(2\) a cholbh nam mìltean.

\(3\times3=9\): cuir-ris na \(2\) a thug thu leat agus gheibh thu \(11\), cuir \(1\) ann an colbh nam mìltean agus thoir leat \(1\) gu colbh nan deich mhìltean.

\(3\times2=6\): cuir-ris an \(1\) a thug thu leat agus gheibh thu \(7\) agus mar sin cuir \(7\) ann an colbh nan deich mhìltean.

Diagram of a multiplication sum.

Cuir-ris \(948\) agus \(4740\) agus \(71100\).

Mar sin \(237 \times 324 = 7\,6788\)

Tha dòigh coltach ris a seo ann airson a bhith ag iomadachadh le ceithir figearan.

Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.
Diagram of a multiplication sum.

Mar sin \(5\,607 \times 3\,061 = 17\,163\,027\)