tv

An dòigh choitcheann

Roinn \(8932\) le \(7\) - \((8932 \div 7)\).

Diagram showing the formal method for division.
  1. Tòisich le bhith a' roinn \(8\) ann an colbh nam mìltean le \(7\). Thèid e ann \(1\) turas le còrr \(1\). Cuir \(1\) san fhreagairt ann an colbh nam mìltean agus an còrr ri taobh \(9\) ann an colbh nan ceudan (a-nis \(19\)).
  2. Roinn \(19\) ann an colbh nan ceudan le \(7\). Thèid e ann \(2\) thuras le còrr \(5\). Cuir \(2\) san fhreagairt ann an colbh nan ceudan agus an còrr ri taobh \(3\) ann an colbh nan deichean (a-nis \(53\)).
  3. Roinn \(53\) ann an colbh nan deichean le \(7\). Thèid e ann \(7\) tursan le còrr \(4\). Cuir \(7\) san fhreagairt ann an colbh nan deichean agus an còrr ri taobh \(2\) ann an colbh nan aonadan (a-nis \(42\)).
  4. Roinn \(42\) ann an colbh nan aonadan le \(7\). Thèid e ann \(6\) tursan gun chòrr. Cuir \(6\) san fhreagairt ann an colbh nan aonadan.

Mar sin tha \(8932 \div 7 = 1276\)

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Roinn \(346\) le \(8\) - \((346 \div 8)\)