±«Óătv

Bheactoran suidheachaidh

Airson puing P, canaidh sinn gur e a' bheactor bhon origin gu puing P bheactor suidheachadh P.

Nuair a tha na co-chomharran (1,4,8) aig P, tha na co-phĂ irtean \(\left( \begin{array}{l}1\\4\\8\end{array} \right)\) aig bheactor suidheachadh P.

Canaidh sinn gu bheil \(\overrightarrow {OP}=\left( \begin{array}{l}1\\4\\8\end{array} \right)\)

Faodaidh sinn bheactoran suidheachaidh a chleachdadh gus co-phĂ irtean bheactor obrachadh a-mach.

Eisimpleir

Tha na co-chomharran (1,4,8) aig P agus tha na co-chomharran (-3,1,-4) aig Q.

Obraich a-mach co-phĂ irtean bheactor \(\overrightarrow {PQ}\).

Freagairt

Tha \(\overrightarrow {OP}=\left( \begin{array}{l}1\\4\\8\end{array} \right)\) agus \(\overrightarrow {OQ}=\left( \begin{array}{l}-3\\1\\-4\end{array} \right)\) againn.

Nuair a bhios sinn a' smaoineachadh air bheactor obrachadh a-mach, faodaidh sinn sgeidse a dhèanamh. 'S dòcha nach bi càil a choltas aig an sgeidse ri diagram mhionaideach, agus faodaidh e fiù 's a bhith 2sh an àite 3sh.

3 joined up points of P, O and Q

Faodaidh sinn a rĂ dh gu bheil \(\overrightarrow {PQ} = \overrightarrow {PO}+ \overrightarrow {OQ}\)

Cuimhnich gur e \(\overrightarrow {PO}\) an t-Ă icheil aig \(\overrightarrow {OP}\)

Mar sin \(\overrightarrow {PQ}=\left( \begin{array}{l}-1\\-4\\-8\end{array} \right)+\left( \begin{array}{l}-3\\1\\-4\end{array} \right)\)

\(\overrightarrow {PQ}= \left( \begin{array}{l}-4\\-3\\-12\end{array} \right)\)

Meud

Tha am meud ag innse dè cho mòr 's a tha a' bheactor.

Ma tha \(\overrightarrow {PQ} = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} a\\ b\\ c \end{array}} \right)\) tha meud \(\overrightarrow {PQ}\) air a sgrìobhadh mar \(\left| {\overrightarrow {PQ} } \right|\) agus tha e air obrachadh a-mach leis an fhoirmle:

\(\left| {\overrightarrow {PQ} } \right| = \sqrt {{a^2} + {b^2} + {c^2}}\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Obraich a-mach meud a' bheactor \(p=\left( \begin{array}{l}3\\7\end{array} \right)\)

Question

Ma tha \(\overrightarrow {PQ} = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} 5\\ 4\\ { - 2} \end{array}} \right)\) obraich a-mach a mheud.

Question

Ma tha \(a = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} 5\\ { - 1}\\ 2 \end{array}} \right)\,agus\,b = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} 7\\ 9\\ { - 2} \end{array}} \right)\) obraich a-mach \(\left| {\overrightarrow {AB} } \right|\)

Related links