tv

Co-phàirtean bheactor

A' cur-ris bheactoran

Tha na co-phàirtean \((\frac{2}{5})\) aig \(\overrightarrow {PQ}\)

Tha na co-phàirtean \((\frac{4}{-3})\) aig \(\overrightarrow {QR}\)

Le bhith a' cur-ris nam bheactoran seo, gheibh sinn \(\overrightarrow {PQ} + \overrightarrow {QR} = \overrightarrow {PR}\)

'S e an riaghailt airson a bhith a' cur-ris nan co-phàirtean:

\(\left( \begin{array}{l} a\\ b \end{array} \right) + \left( \begin{array}{l} c\\ d \end{array} \right) = \left( \begin{array}{l} a + c\\ b + d \end{array} \right)\)

Mar sin tha \(\overrightarrow {PQ} + \overrightarrow {QR} = \overrightarrow {PR}\) a' coimhead mar seo:

\(\left( \begin{array}{l}2\\5\end{array} \right) + \left( \begin{array}{l}4\\-3\end{array} \right) = \left( \begin{array}{l}6\\2\end{array} \right)\)

Diagram of arrow vectors

A' toirt-air-falbh bheactoran

Nuair a bhios tu a' toirt-air-falbh bheactor, tha e an aon rud ri bhith a' cur-ris dreach àicheil dhen bheactor (cuimhnich nuair a nì thu bheactor àicheil gum bi an cùrsa aige a' dol an taobh eile).

\(\left( \begin{array}{l} a\\ b \end{array} \right) - \left( \begin{array}{l} c\\ d \end{array} \right) = \left( \begin{array}{l} a - c\\ b - d \end{array} \right)\)

Diagram of arrow vectors

Coimhead air an diagram agus smaoinich air a bhith a' dol bho X gu Z. Ciamar a sgrìobhadh tu an t-slighe ann a' bheactoran a' cleachdadh nam beactoran \(\overrightarrow {XY}\) agus \(\overrightarrow {ZY}\) a-mhàin?

Dh'fhaodadh tu a ràdh gur e bheactor \(\overrightarrow {XY}\) a th' ann le gluasad air ais air \(\overrightarrow {ZY}\).

Mar sin faodaidh sinn an t-slighe bho X gu Z a sgrìobhadh mar:

\(\overrightarrow {XY} - \overrightarrow {ZY} = \overrightarrow {XZ}\)

Tha e a' coimhead mar seo ann an àireamhan:

\(\left( \begin{array}{l} 4\\ 2 \end{array} \right) - \left( \begin{array}{l} 1\\ 2 \end{array} \right) = \left( \begin{array}{l} 3\\ 0 \end{array} \right)\)

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Ma tha \(x = \left( \begin{array}{l} 1\\ 3 \end{array} \right),y = \left( \begin{array}{l} - 2\\ 4 \end{array} \right)agus\,z = \left( \begin{array}{l} - 1\\ - 2 \end{array} \right)\), obraich a-mach:

  1. \(- y\)
  2. \(x - y\)
  3. \(2x + 3z\)

Question

Airson bheactoran \(u = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} 2\\ 5\\ 9 \end{array}} \right)agus\,v = \left( {\begin{array}{*{20}{c}} 7\\ 3\\ { - 4} \end{array}} \right)\)

obraich a-mach, u + v.

Related links