tv

Lùth agus Slighe Iain Muir

Feumaidh sinn ùٳ airson tòrr rudan aig an taigh, anns an sgoil agus nuair a bhios sinn a-muigh. Faodaidh an dòigh a tha an ùٳ sin air a ghintinn agus air a sholarachadh buaidh mhòr a thoirt air an àrainneachd.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Slighe Iain Muir
  • diofar sheòrsachan ùٳ
  • a' bhuaidh aig diofar bhunan-ùٳ air an àrainneachd

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dara Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Bhidio - Lùth agus Slighe Iain Muir

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad ag ionnsachadh mu na diofar dhòighean anns a bheil ùٳ air a ghintinn, agus iad a’ coiseachd air Slighe Iain Muir.

Back to top

Dè th' ann an Slighe Iain Muir?

Cò bh' ann an Iain Muir?

Dealbh dubh is geall do Iain Muir
Image caption,
Iain Muir (GL Archive/Alamy Stock Photo)

Rugadh Iain Muir ann an Dùn Bàrr ann an 1838. Dh'fhàg a theaghlach Alba nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'Ameireaga.

Fhuair e cliù airson sgrìobhadh mu shaoghal nàdair le bhith a' sgrùdadh chreagan, lusan is bheathaichean agus an obair a rinn e ann a bhith a' gleidheadh agus a' dìon sgìrean de bhòidhchead shònraichte, mar Pàirce Nàiseanta Yosemite ann an Calafornia.

Dh'fhosgail Slighe Iain Muir ann an 2014 a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaochail e.

Dealbh dubh is geall do Iain Muir
Image caption,
Iain Muir (GL Archive/Alamy Stock Photo)

Càite a bheil Slighe Iain Muir a' tòiseachadh agus a' crìochnachadh?

Map a' sealltainn cuid dhe na prìomh sgìrean air Slighe Iain Muir
Figure caption,
Map a' sealltainn cuid dhe na prìomh sgìrean air Slighe Iain Muir

Tha Slighe Iain Muir a' ruith eadar Baile Eilidh air taobh an iar Alba (am port às an do dh'fhàg Muir Alba airson Ameireaga), agus Dùn Bàrr air a' chosta an ear (far an do rugadh Muir).

Tha an t-slighe 134 mìltean (215 km) a dh'fhaid, agus tha luchd-coiseachd is luchd-bhaidhsagalan measail oirre.

Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus agus faigh a-mach mu chuid dhe na h-àitichean inntinneach air am faodadh tu tadhal air Slighe Iain Muir.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 10, Sealladh de Loch Laomainn bho chladach a' Bhealach. Tha bàta agus beinn le mullach sneachda air a' chùl., Loch Laomainn Tha a' chiad chuid de Shlighe Iain Muir a' tòiseachadh ann am Baile Eilidh agus a' crìochnachadh anns A' Bhealach, air cladach Loch Laomainn. Tha luchd-tadhail measail air an àite seo, agus tha e gu math freagarrach gu bheil e ann am Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn 's nan Tròisichean. B' e Iain Muir aon dhe na prìomh dhaoine a stèidhich a' chiad Phàircean Nàiseanta ann an Ameireaga anns na h-1860an. (Phil Seale/Alamy Stock Photo)
Back to top

ܲԲ-ùٳ

Gabhaidh ùٳ a ghintinn bho iomadh bun. Tha cuid dhe na bunan sin nach eil cho cronail dhan àrainneachd ri feadhainn eile.

Tha dà sheòrsa ùٳ ann: ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.

  • Am measg nam bunan-ùٳ ath-nuadhachail, tha a' ghrian, a' mhuir agus a' ghaoth.

Cha theirig na bunan sin nuair a chleachdas sinn iad airson ùٳ a ghintinn. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad ath-nuadhachail. Le bhith a' leasachadh teicneòlas ùr mar panailean-grèine airson taighean a theasachadh, tha daoine air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh barrachd ùٳ ath-nuadhachail agus tha sin a' cuideachadh na h-àrainneachd.

  • Am measg nam bunan-ùٳ neo-ath-nuadhachail tha gual, ola agus gas.

Tha iad sin air an losgadh airson an ùٳ a th' annta a leigeil mu sgaoil, ach tha gasaichean cronail cuideachd air an leigeil mu sgaoil dhan èadhar. Aon uair 's gun tèid connaidhean-fosail a losgadh, tha iad ullamh. Tha iad, mar sin, neo-ath-nuadhachail. Tha a' mhòr-chuid de charbadan a' cleachdadh ùٳ neo-ath-nuadhachail, agus sin as coireach gu bheil iad cronail dhan àrainneachd.

Seo eisimpleirean dhen dà sheòrsa bun-ùٳ.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Dà inneal-cladhach a' cladhach airson guail ann am mèinn Ghleann an t-Sagairt, Gual 'S e bun-ùٳ neo-ath-nuadhachail a th' ann an gual. Tha e air a dhèanamh bho fhìor sheann chraobhan a chaidh am bruthadh gu mòr, leis gun deach air an tiodhlacadh fo ùir agus stuthan eile agus a tha a' cruthachadh bruthadh mòr. Tha am bruthadh seo, cuide ris an teas nàdarra bho eitean na Talmhainn a' dùٳadh nan craobhan agus stuthan eile agus a' cruthachadh gual. Airson gual a chleachdadh mar chonnadh, feumar a chladhach, no a mhèinneadh, às an talamh, agus an uair sin a losgadh. Tha an dealbh seo a' sealltainn mèinn fosgailte Gleann an t-Sagairt ann an Siorrachd Lannraig, a dhùin ann an 2011. Ann am mèinnean fosgailte, tha an gual faisg air an uachdar agus gheibhear thuca le bhith a' toirt air falbh nam fillidhean ùire agus creag a tha os cionn a' ghuail. (Global Warming Images/Alamy Stock Photo)

Lùth ann an Alba

Cha bhi sinn a-nis a' mèinneadh gual ann an Alba. Thug seo atharrachadh mòr ann an gnìomhachas ann an sgìrean mar Siorrachd Àir, Fiobha agus Siorrachd Lannraig far an robh iomadh coimhearsnachd mèinnidh. Chaidh mòran dhaoine fhàgail gun obair agus bha aca ri trèanadh a dhèanamh às ùr ann an gnìomhachasan eile.

Tha gintinn ùٳ niùclasach cuideachd a' tighinn gu ceann. Chan eil ach aon stèisean ann an Tòrr an Eas, ann an Lodainn an Ear, fhathast a' dol, agus tha dùil gun sguir sin a ghintinn dealan ann an 2028.

Ged a tha uallach air daoine mu atharrachadh na gnàth-shìde agus milleadh air grunnd na mara, tha drileadh airson ola agus gas anns a' Chuan a Tuath fhathast a' toirt dhuinn connadh airson còmhdhail, teas agus gintinn dealain. Ach tha planaichean ann airson na tha sinn a' cleachdadh de chonnaidhean-fosail a bheagachadh. Tha targaid aig Alba gum bi leth dhen teas, dhen chòmhdhail agus dhen dealan ann an Alba a' tighinn bho stòran-ùٳ ann an 2030.

Ionnsaich barrachd mu dhiofar sheòrsaichean ùٳa an seo: Stòran ùٳa agus seasmhachd

Back to top
Prìomh fhacail

  • ùٳ – cumhachd a ghabhas cleachdadh, mar as trice a' tighinn bho stòran eile

  • ùٳ ath-nuadhachail – ùٳ bho stòr a tha furasta ùrachadh no nach teirig, mar a' ghaoth agus a' ghrian

  • ùٳ neo-ath-nuadhachail – ùٳ bho stòran nach eil furasta an ùrachadh no a theirigeas an dèidh an cleachdadh, mar ola agus gas

  • connaidhean-fosail – connaidhean nàdarra mar ola agus gas air an dèanamh bho fhosailean air an dùٳadh

  • pàirce nàiseanta – sgìre air an dùthaich a tha air a dìon leis an lagh airson coimhead às dèidh an cruth-tìre agus an fhiadh-bheatha

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Dealbh postair a nochdas aig prìomh àitichean air Slighe Iain Muir gus luchd-tadhail a bhrosnachadh gus an aire a thoirt air an àrainneachd.

Smaoinich air:

  • mar a nì thu e tarraingeach ('s dòcha le abairt no dealbh)

  • dè bheireadh air daoine smaoineachadh barrachd mun àrainneachd agus atharraichean a dhèanamh

  • mar a bhrosnaicheadh tu daoine a bhios a' cleachdadh Slighe Iain Muir gus an aire a thoirt oirre

Ionnsaich barrachd mu bhith a' dealbhadh phostairean le Beurla agus litearrachd 2na ìre: Mar a nì thu postair

Back to top

Barrachd ri ionnsachadh

Bunan ùٳa is seasmhachd

Ionnsaich barrachd mu sheòrsaichean ùٳa agus seasmhachd leis a' chuspair againn

Bunan ùٳa is seasmhachd

Mar a nì thu postair. video

Dèan am postair agad tarraingeach le bhith a' leantainn nan riaghailtean sìmplidh seo

Mar a nì thu postair
Back to top