tv

B' àbhaist canàlan a bhith glè chudromach do chòmhdhail ann an Alba. Bha iad air an cleachdadh airson a bhith a' giùlan stuthan amh, bathar eile agus fiù 's daoine.

Tha slighean còmhdhail eile air an cleachdadh barrachd a-nis, ach tha canàlan fhathast air an cleachdadh airson siubhal agus cur-seachad.

Back to top

Prìomh phuingean

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • dè th' ann an canàlan

  • eachdraidh chanàlan ann an Alba

  • mar a tha canàlan air an cleachdadh ann an turasachd

  • pàirtean de lìonradh còmhdhail Alba

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dara Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Bhidio

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' rannsachadh canal Fhoirthe agus Chluaidh air na baidhsagalan aca!

Back to top

Dè th' ann an canàlan?

'S e slighean-uisge fuadain a th' ann an canàlan – tha iad mar aibhnichean, ach a-mhàin gur e daoine a thog iad. Chaidh an togail mar shlighean ùra no nas luaithe airson bathar agus daoine a ghiùlan air bàta.

Tha canàlan gu math nas dìriche na aibhnichean agus tha e mar sin nas fhasa do bhàtaichean siubhal orra. Tha ceuman-tarraing a' ruith ris na cliathaichean aca. Bha iad sin air an cleachdadh airson eich, carbadan no fiù 's daoine bàtaichean a tharraing sìos an canal.

Eu-coltach ri aibhnichean a bhios a' sruthadh sìos cnoc, tha canàlan còmhnard. Tha earrannan fa leth annta ris an canar glasan a tha aig diofar àirdean a ghabhas fosgladh agus dùnadh airson leigeil le bàtaichean seòladh suas is sìos cnuic.

Back to top

Canàlan Alba

Tha còrr is 130 mìle a dh'fhaid ann an lìonradh chanàlan Alba. Tha ceithir canàlan fhathast ag obrachadh an-diugh:

  • Canàl Fhoirthe agus Chluaidh

  • An Canàl Cailleannach

  • Canàl a' Chrìonain

  • Canàl an Aonaidh

Air an cleachdadh an toiseach le pasainsearan, no bàtaichean a bha a' giùlan bathar, no bàtaichean-iasgaich a bha a' cur feum air slighe na bu luaithe agus na bu shàbhailte mun cuairt cladaichean Alba, an-diugh tha canàlan Alba mar as trice air an cleachdadh airson cur-seachad agus turasachd.

Canàl Fhoirthe agus Chluaidh

  • 35 mìle a dh'fhaid

  • air a thogail eadar 1768 agus 1790 – a h-uile sgath dheth air a chladhach le luchd-obrach le picean agus spaidean!

  • a' ceangal an taoibh an iar agus an taobh an ear aig a' phàirt as cumhainge

  • a' ceangal ri Bolan air Abhainn Chluaidh agus ri Inbhir Ghrainnse far a bheil Abhainn Charrann a' coinneachadh Abhainn Fhoirthe

  • slighe luath eadar Cuan Èirinn agus an Cuan a Tuath do bhàtaichean a' dol gu muir

  • gual, iarann, stàilinn, bathar tuathanais agus bathar eile air a ghiùlan

  • bha seirbheis 'luath' bàta-smùide ann do phasainsearan

An Canàl Cailleannach

  • 60 mìle a dh'fhaid tron Ghleann Mhòr

  • cha deach ach 22 mìle a thogail le daoine

  • tha an còrr dhen t-slighe a' leantainn Loch Lòchaidh, Loch Obhaich, Loch Nis agus Loch Dabhach a' Phùir

  • air fhosgladh ann an 1822

  • air a thogail mar shlighe seòlaidh na bu luaithe agus na bu shàbhailte eadar an taobh an iar agus an taobh an ear

  • dh'fhaodadh bàtaichean agus eathraichean an t-slighe fhada, chunnartach mu chuairt a' Pharbh agus an cladach a tuath a sheachnadh

Canàl a' Chrìonain

  • ì𲹳 9 mìle a dh'fhaid

  • air a thogail mar shlighe ghoirid a' ceangal Ghlaschu agus Abhainn Chluaidh ris an taobh an iar agus Innse Gall

  • thug an obair air a' chanàl bho 1794 gu 1801

  • anns an 19mh agus tràth anns an 20mh linn, bha an canal air a chleachdadh le pufairean Chluaidh

  • b' e àٲ𲹲-ù a bh' anns na pufairean a bhiodh a' toirt gual agus bathar riatanach eile dha na h-eileanan agus chun an taoibh siar, agus bhiodh iad a' toirt uisge-beatha, bathar tuathanais agus beathaichean airson an reic ann an Glaschu agus mu chuairt.

Canàl an Aonaidh

  • 31 mìle a dh'fhaid

  • a' ceangal Dhùn Èideann agus an Eaglais Bhreac, far a bheil e a' coinneachadh Canàl Fhoirthe agus Chluaidh

  • dh'fhosgail e ann an 1822

  • air a thogail airson clach, stuthan amh eile agus gual a ghiùlan, bhon taobh an iar gu daoine agus gnothachasan ann an Dùn Èideann

  • bha daoine measail air agus bha e air a dheagh chleachdadh an toiseach

  • nuair a dh'fhosgail Rèile Dhùn Èideann is Ghlaschu ann an 1842, thòisich an canàl a' call phasainsearan

  • bha barrachd is barrachd bathair ga ghiùlan air an trèan an uair sin

  • dhùin e ann an 1965

  • dh'fhosgail e a-rithist mar phàirt de phròiseact Ceangal nam Mìle-bliadhna ann an 2001

Map a' sealltainn chanàlan a tha ag obrachadh agus canàlan nach eil a' dol an-dràsta ann an Alba
Figure caption,
Map a' sealltainn chanàlan a tha ag obrachadh agus cànalan nach eil a' dol ann an Alba.

Tha cuideachd trì canàlan ann an Alba nach eil air an cleachdadh.

Tha Canàl Siorrachd Obar Dheathain a' ruith 18.25 mìltean bho Phort Elphinstone gu cala Obar Dheathain. Dh'fhosgail e ann an 1805 agus dhùin e ann an 1854. Chaidh loidhne Obar Dheathain gu Inbhir Nis de Rèile Mòr Ceann a Tuath Alba an àite a' chanàl.

Bha dùil gun ruitheadh Canàl Ghlaschu, Phàislig is Bhaile Iain fad na slighe gu ruige Àird Rosain. Chaidh an t-slighe eadar Glaschu is Baile Iain a chrìochnachadh ann an 1811, ach sguir an obair air sgàth cion airgid. Chaidh an canàl a dhrèanadh ann an 1882 airson loidhne Rèile a' Chanàl eadar Ghaschu is Pàislig.

ճò Canàl Mhonkland a' fosgladh ann an earrannan ann an 1771. Aig aon àm b' e an canàl a bu phrothaidiche ann an Alba. Chaidh millean tunna guail a ghiùlan air ro 1850! Chaidh an canàl a lìonadh a-steach anns na 1960an airson mòr-rathad M8 a thogail, ach chithear pìosan dheth fhathast aig Pàirce Drumpelier agus Calderbank ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.

Back to top

Cur-seachad agus turasachd

Chan eil canàlan tuilleadh nan slighean cudromach do chòmhdhail, ach chan eil sin a' ciallachadh nach eil iad air an cleachdadh.

Tha tòrr fiadh-bheatha a' dèanamh an dachaigh ann an canàlan Alba, agus tha coimhearsnachdan agus luchd-tadhail gan cleachdadh airson tòrr chur-seachadan.

Cliog tron taisbeanadh agus chì thu cuid dhiubh!

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Cuibheall na h-Eaglaise Brice, Cuibheall na h-Eaglaise Brice 'S e Cuibheall na h-Eaglaise Brice an aon lioft bhàtaichean air an t-saoghal a bhios a' tionndadh. Bidh i a' ceangal canàl Fhoirthe agus Chluaidh ri canàl an Aonaidh. Tha 115 troighean a dh'àirde innte agus tha i a' tàladh luchd-turais. Tha còrr is 500,000 neach a' tadhal oirre gach bliadhna. (AlanWrigley / Alamy Stock Photo)
Back to top

Balla Antonine

Balla Antonine

'S e daingneach òԲ a th' ann am Balla Antonine agus bha e a' comharrachadh iomall Ìompaireachd na Ròimhe.

Chaidh a thogail air slighe gu math coltach ri slighe Canàl Fhoirthe agus Chluaidh, eadar Bo'ness air Abhainn Fhoirthe agus Seann Chille Phàdraig air Abhainn Chluaidh, agus airson an aon adhbhair – seo a' chuid as cumhainge de dh'Alba eadar an ear agus an iar. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh an canàl agus am balla a bhith cho goirid 's a b' urrainn.

Air a thogail leis na trì lèigionan òԲ a bha suidhichte ann an Alba, tha Balla Antonine a-nis na Làrach Dualchas na Cruinne agus tha luchd-turais measail air a bhith ga thadhal.

Thoir sùil air na duilleagan Bitesize seo agus faigh a-mach barrachd mu Bhalla Antonine agus mu na Ròmanaich ann an Alba.

Balla Antonine
Back to top

Lìonraidhean còmhdhail

Bidh lìonraidhean còmhdhail a' dèanamh ceangal ri àitichean agus a' leigeil le daoine agus bathar gluasad mun cuairt na dùthcha.

'S e ì𲹳 aon de lìonraidhean còmhdhail Alba a th' ann an canàlan Alba.

Image caption,
Aig dà chilemeatair gu leth a dh'fhaid, 's e Drochaid Rèile Fhoirthe an drochaid as motha a th' ann an lìonradh rèile Alba (John Scott / Alamy Stock Photo)

Lìonradh an rèile

Chaidh rèilichean Alba a thogail airson pasainsearan agus bathar a ghiùlan. B' urrainn dhaibh seo a dhèanamh gu math na bu luaithe na canàlan.

Tha còrr is 2,700 km de loidhnichean rèile ann a tha a' ceangal 359 stèiseanan, a bharrachd air a bhith a' ceangal Alba ri Sasainn.

Tha lìonradh rèile Alba a' gabhail a-steach 4,715 drochaidean bho airdsean beaga a' dol tarsainn rathaidean singilte no aibhnichean, suas gu Drochaid Rèile Fhoirthe a tha dà chilemeatair gu leth a dh'fhaid.

Image caption,
Aig dà chilemeatair gu leth a dh'fhaid, 's e Drochaid Rèile Fhoirthe an drochaid as motha a th' ann an lìonradh rèile Alba (John Scott / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Tha deich lànaigean a leud ann am mòr-rathad M8 far a bheil e a' dol tarsainn Drochaid Kingston ann an Glaschu (David McErlane / Alamy Stock Photo)

Lìonradh nan rathaidean

Tha còrr is 3,500 km de phrìomh rathaidean agus de mhòr-rathaidean a' ceangal nam bailtean ann an Alba agus na puirt agus na puirt-adhair. 'S e na rathaidean sin a' phrìomh dhòigh air daoine agus bathar ghiùlan air feadh na dùthcha.

Ann an sgìrean far nach eil uiread de thrafaig, 's e rathaidean aon-fhillte a th' ann an cuid dhe na prìomh rathaidean sin. Far a bheil tòrr trafaig, faodaidh mòr-rathaidean a bhith gu math nas leatha. Nuair a tha e a' dol tarsainn Drochaid Kingston ann an Glaschu, tha còig lànaigean trafaig a' dol gach taobh air an M8.

Image caption,
Tha deich lànaigean a leud ann am mòr-rathad M8 far a bheil e a' dol tarsainn Drochaid Kingston ann an Glaschu (David McErlane / Alamy Stock Photo)
Image caption,
Post-soidhne Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal faisg air Obar Phuill. (Rachel Husband / Alamy Stock Photo)

Lìonradh nam baidhsagal

'S e cruinneachadh de cheuman bhaidhsagalan, de cheuman air an roinn còmhla ri luchd-cleachdaidh eile agus rathaidean a tha a' ceangal bhailtean, mòr-bhailtean agus àitichean inntinneach air feadh na RA a th' ann an Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal.

Tha còrr is 1,643 mìltean de shlighean Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal ann an Alba, le còrr is 700 mìle de shlighean gun trafaig. Tha an lìonradh a' cleachdadh phàirtean dhe na lìonraidhean eile ann an Alba, le slighean ri taobh cheuman-tarraing canàlan, agus loidhnichean rèile nach eil air an cleachdadh tuilleadh mar Slighe Taobh Dhè eadar Obar Dheathain agus Bealadair.

Image caption,
Post-soidhne Lìonradh Nàiseanta nam Baidhsagal faisg air Obar Phuill. (Rachel Husband / Alamy Stock Photo)
Back to top

glas – Tha glas air canàl air a cleachdadh airson leigeil le bàtaichean gluasad eadar pàirtean de chanàl a tha aig diofar àirdean. Tha glas a' cumail uisge eadar dà gheata. Faodar uisge a leigeil a-steach no a-mach adh airson ìre an uisge atharrachadh airson gun gabh bàtaichean a bhith air an togail no air an leigeil sìos.

ceum-tarraing – Ceum ri taobh canàl no abhainn. Dh'fhaodadh eich no carbadan gluasad sìos an ceum, a' tarraing bhàtaichean às an dèidh.

An Gleann Mòr – Gleann a tha a' ruith eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis. Tha an Gleann Mòr a' sgaradh iar-thuath na Gàidhealtachd agus beanntan a' Mhonaidh Ruaidh.

pufair Chluaidh – Bàta-smùide beag a bhiodh a' giùlan bathar agus stuthan eadar an taobh siar agus eileanan Alba, Glaschu agus an sgìre mun cuairt.

bathar – Stuthan air an giùlan airson an ceannach no an reic.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Back to top