Siubhal trèana agus turasachd
Tha turasachd na ghnìomhachas mòr ann an Alba. Bidh luchd-turais à àitichean eile san RA, às an Roinn Eòrpa agus às a' chòrr dhen t-saoghal a' tighinn a seo air saor-làithean. Agus nuair a tha thu a' fuireach a seo mar-thà, faodaidh e a bhith uabhasach math a bhith a' siubhal agus a' rannsachadh àitichean anns nach robh thu riamh!
Anns an artaigil seo ionnsaichidh tu:
- mu shiubhal ann an Alba air trèan agus baidhsagal
- mu thurasachd agus mu ghnìomhachasan bìdh air a' Ghàidhealtachd an Iar
- mar a tha siubhal agus turasachd a' toirt taic dha chèile
Tha an t-artaigil seo freagarrach airson ionnsachadh mu dheidhinn topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd anns a' bhun-sgoil.
Bhidio - Loidhne na Gàidhealtachd an Iar
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad air chuairt air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar. Tha iad ag ionnsachadh mu shiubhal air trèan agus mu ghnìomhachasan na turasachd agus a' bhìdh air a' Ghàidhealtachd an Iar.
Siubhal trèana
Tha siubhal air trèan na phàirt riatanach dhen fo-structarNa pàirtean dhen àrainneachd thogalaichte a dh'fheumas dùthaich airson obrachadh mar rathaidean, pìoban uisge agus puirt. còmhdhail ann an Alba.
Tha lìonra nan trèanaichean a' cumail taic ri lìonra nan rathaidean, a' ceangal ri slighean saidhclidh agus puirt aiseagan, agus na cheum air an t-slighe air adhart do luchd-turais a thig tro na puirt-adhair againn.
Tha e a' toirt cothrom do dhaoine coimiutA' siubhal eadar an dachaigh agus àite-obrach. a dh'obair, no dhan sgoil, ann am bailtean-mòra agus bailtean nas motha bho iomaill bhailtean, agus à bailtean nas lugha, anns a bheil iad a' fuireach.
Tha e cuideachd na dhòigh nas seasmhaiche air frachd, no bathar, a ghiùlan thar astaran nas fhaide. Thathar a' meas gun toir aon trèan frachd leatha luchd de 76 làraidhean, 's gun i a' leigeil mu sgaoil ach cairteal dhen charbon.
Seo eisimpleirean de ghoireasan air an è airson barrachd phasainsearan a thàladh:
1 of 3
Buannachdan agus eas-bhuannachdan siubhal air trèan
Buannachdan
- Faodaidh e a bhith gu math nas fheàrr dhan àrainneachd siubhal air trèan air astaran nas fhaide, gu h-àraidh trèan dealain, seach siubhal ann an càr no air plèana. Tha seo a chionn 's gu bheil plèanaichean agus càraichean peatrail no dìosail a' leigeil barrachd emiseanan carbon mu sgaoil. Tha plèanaichean nas luaithe air turasan nas fhaide, ach tha iad a' losgadh barrachd connaidh. 'S e càraichean as motha a tha a' leigeil de dh'eimiseanan mu sgaoil, seach còmhdhail sam bith eile, bhon a tha uiread dhiubh ann agus iad air an cleachdadh cho tric.
- Faodaidh daoine obair a dhèanamh no fois a ghabhail air trèan seach an aire a bhith air dràibheadh thar an aon astair.
- Do luchd nam baidhsagalan, gabhaidh am baidhc a thoirt air an trèan, agus saidhcleadh chun a' chinn-uidhe (dìreach mar a rinn Isla agus Connor!) no racaisean bhaidhcean a chleachdadh airson an cumail gu sàbhailte aig stèisean.
Eas-bhuannachdan
- Tha trèanaichean a' leantainn à- teann agus 's dòcha nach bi sin an-còmhnaidh freagarrach do dhaoine.
- Tha iomadh àite ann an Alba dha nach faigh thu gu dìreach air trèan. Faodaidh seo a bhith a' ciallachadh gum feum thu còmhdhail air choreigin eile airson do thoirt chun an stèisean è as fhaisge agus air ais.
- Faodaidh e bhith cosgail siubhal air trèan. Glè thric, tha dòighean ann air tiogaidean nas saoire fhaighinn, ach 's dòcha gum bi sin a' ciallachadh siubhal aig amannan nach eil cho trang, agus 's dòcha nach bi sin freagarrach.
Turasachd air a' Ghàidhealtachd an Iar
Tha luchd-turais measail air Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Bidh daoine a' tighinn ann bho gach ceàrn dhen t-saoghal air sgàth bòidhchead nàdarra agus aoigheachd na sgìre. Tha mòran luchd-turais a' ciallachadh gun urrainn gnothachasan a bharrachd a bhith ann do luchd-turais, mar ٲ-òٲ, ٲ-ì agus ùٳٱ, agus cuideachd tàlaidhean agus gnìomhan do luchd-turais airson am brosnachadh gus barrachd ùine a chur seachad an sin. Faodaidh a h-uile gin dhiubh sin airgead agus obraichean a thoirt dhan sgìre.
An t-Òban
Tha an t-Òban aithnichte mar 'An t-Slighe dha na h-Eileanan' air sgàth nan aiseagan a bhios a' falbh às dha na h-Eileanan A-staigh, mar Muile, Rùm agus Ì, agus na h-Eileanan Siar. Tha e cuideachd ainmeil airson maorach air leth blasta.
Tha luchd-turais air a bhith measail air an Òban bho na 1820an. Nuair a dh'fhosgail Canàl a' Chrìonain ann an 1801 agus an Canàl Cailleannach ann an 1822, chaidh ceangalan còmhdhail ùr a chruthachadh gu bailtean mar Glaschu, An Gearasdan agus Inbhir Nis. Tha na canàlan a' leigeil le pasainsearan siubhal a bharrachd air bathar a ghluasad. Nuair a dh'fhosgail an è ann an 1880, bha e a' ciallachadh gum b' urrainn barrachd dhaoine siubhal dhan Òban agus na bu luaithe.
Tha iomadh adhbhar ann airson luchd-turais a bhith measail air tadhal air baile no sgìre shònraichte. Bheir sinn sùil air eisimpleirean a tha a' sealltainn carson a tha daoine fhathast cho measail air a bhith a' tadhal air an Òban.
1 of 5
Loidhne na Gàidhealtachd an Iar
Tha Loidhne na Gàidhealtachd an Iar glè thric air a h-ainmeachadh mar thè dhe na turasan trèana leis na seallaidhean as fheàrr air an t-saoghal. Tha i a' toirt cothrom do luchd-tadhail a tha a' siubhal air an trèan tadhal air bailtean mar an t-Òban, An Gearasdan agus Malaig, a bharrachd air Mòinteach Raineach, Loch Long agus Loch Laomainn. Tha luchd-bhaidhsagalan, luchd-coiseachd agus daoine leis an toigh spòrs uisge measail air na h-àitichean seo.
Faodar a' chuid dhen turas eadar An Gearasdan agus Malaig a dhèanamh cuideachd air trèan smùide. 'S e cothrom ainneamh a tha san turas seo do luchd-turais siubhal air trèan smùide, oir chan eil mòran dhe na trèanaichean smùide fhathast a' dol. Bidh an trèan a' dol thairis air Drochaid-è Ghleann Fhionnainn, far am faigh thu sealladh math de Loch Seile. Tha an drochaid-è, no drochaid-rathaidSeòrsa de dhrochaid a tha a' cleachdadh airdsean, taicean no colbhan gus taic a chumail ri è no rathad thairis iar talamh ìosal., ainmeil bhon a bha e ann an sreath filmichean Harry Potter, oir bhiodh a' Hogwarts Express a' siubhal air gach bliadhna air an turas eadar King's Cross ann an Lunnainn agus Hogwarts!
Prìomh fhacail mu shiubhal trèana
frachd – bathar air a ghiùlan air mòr-sgèile, glè thric thar astaran fada, le trèanaichean, trugaichean, bàtaichean agus plèanaichean.
eimiseanan carbon – carbon air a leigeil mu sgaoil a dh'àile na Talmhainn agus a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
fo-structar – na structaran agus na seirbheisean a dh'fheumar airson bun-sheirbheisean mar còmhdhail, dealan no uisge.
coimiut – a' siubhal eadar an dachaigh agus àite obrach.
viaduct - seòrsa de dhrochaid a tha a' cleachdadh airdsean, taicean no colbhan gus taic a chumail ri è àrd no rathad thairis air talamh ìosal.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
ù
Dealbh caraids trèana
Dealbh agus tarraing dealbh de charaids trèana a bhiodh freagarrach dhan h-uile seòrsa neach a dh'fhaodadh a bhith airson siubhal air an trèan – teaghlaichean, luchd-obrach, luchd-turais. Smaoinich air:
- dè cho so-ruigsinneach 's a tha an trèan
- dè na goireasan a bheireadh air daoine a bhith nas buailtiche an trèan a chleachdadh
ach cuideachd…
- dè dhèanadh turas trèan air leth sònraichte?
Cleachd do mhac-meanmna! Cò aig tha fios? Chan eil fhios nach innlich thu trèan airson an àm ri teachd!
Tuilleadh ri ionnsachadh mu shiubhal trèana agus turasachd
Còmhdhail agus seasmhachd
Ionnsaich tuilleadh mu chòmhdhail sheasmhach.
Saor-làithean agus cur-seachadan ann an Alba ann an Linn Bhictòria
Ionnsaich tuilleadh mu dheidhinn mar a thug na Bhictòrianaich air daoine fàs measail air saor-làithean.
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count8 of 24
- count10 of 24
- count11 of 24