Main content

Sùil air Spòrs 130914

‘Mar as sine an fhidheall ’s ann as binne an ceòl.’ Chan eil mi cinnteach an e sin a’ Ghàidhlig cheart airson an abairt sin ach shaoil mi gun robh e freagarrach do Raghnall Ross às dèidh mar a chluich e sa chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd Disathairne seo chaidh. A’ sreap ri dà fhichead bliadhna a dh’aois bha fadachd air mòran faicinn ciamar a chluicheadh am fear ris an canar ‘Ronaldo of the Glens’ - às dèidh a’ chluicheadair-aghaidh Braisilianach - an uair a bha Ross air ceann a ghnothaich sa cur còrr is mìle tadhal airson Ceann a' Ghiùthsaich.

Dh’innis e às dèidh làimh gun robh e a sgur a chluiche dhan chiad sgioba, an aois agus na builean a tha e air fhaighinn thairis air na bliadhnaichean air na comasan aige a mhaoladh beagan, ach mar a fhuair Gleann Urchardan a-mach Disathairne, ma bheir thu cothrom, no gu dearbh dà chothrom do Ross bidh an daor cheannach agad air. Dhan ghinealach againne chan eil teagamh nach e an cluicheadair as fheàrr a thog caman agus dhearbh e a-rithist air an deireadh sheachdain gu bheil an rud sin aige cuideachd a dh’fheumas a h-uile sàr neach-spòrs — am miann tilleadh uair is uair gus na farpaisean mòra a bhuinnig.

Dusan Cruinn Còmhla

Le aon bhonn deug san drathair aige mar-thà, cha robh dad aig Ross ri dhearbhadh do dhuine sam bith ach às dèidh tadhal sgoinneil a chur san iar chuairt dheireannach an aghaidh a’ Ghearastain, cò bho shealladh Chinn a' Ghiùthsaich nach robh ag iarraidh fhaicinn sa lèine ghorm is dhearg aig Pàirc a’ Bhucht? Gu follaiseach chuir e teagamh an inntinn cluicheadairean a’ Ghlinne cuideachd oir uair eile chaidh iad nam puins ann an cuairt dheireannach a’ ciallachadh gu bheil iad fhathast a’ feitheamh rin làmhan fhaighinn air a’ chupa airson a’ chiad turas nan eachdraidh a’ sìneadh air ais 129 bliadhna.

Ochd Bliadhna Feitheamh Seachad

Bha Ceann a' Ghiùthsaich a’ feitheamh bho 2006 agus gu follaiseach bha sin fada gu leòr airson club a bha cleachdte ri bhith a’ cur Cupa na Camanachd air an dreasair a h-uile seusan. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh ’s e na nàbaidhean sna nàimhdean mòra Bail’ Ùr an t-Slèibh a tha air a bhith aig bàrr na craoibhe ann an saoghal an iomain, ach am faodadh an t-slat shiùdain a bhith a’ gluasad air ais sìos an rathad gu Ceann a’ Ghiùthsaich?

Ginealach Òg a’ tighinn às dèidh Ross

Le Raghnall Ross a’ toirt suas a’ chaman tha an aire a-nis a’ tionndadh chun an ath ghinealach a dh’fhaodadh na làithean buidhe a thoirt air ais gu Ceann a' Ghiùthsaich. Chan eil Savio Genini, a fhuair an dà thadhal eile ach seachd bliadhn’ deug a dh’aois, ach tha Seumas Falconer a chruthaich a’ chiad thadhal do Genini bliadhna nas òige agus bidh e air ais ann an Àrd Sgoil Cheann a’ Ghiùthsaich an t-seachdain seo a’ dol thairis air latha nas tèid às a chuimhne gu bràth. Cur ris an sin Ryan McWilliam is Rory McGregor nach eil ach ochd bliadhn’ deug agus tha e follaiseach fiù ’s às aonais Ross gu bheil deagh bhun-stèidh aig Ceann a' Ghiùthsaich airson na bliadhnaichean a tha romhainn. Tha e an urra riuthasan a-nis tighinn a-mach fo fhaileas Ross agus bidh e na mhisneachd dhaibh gu bheil e airson na cluicheadairean òga a choidseadh. Abair cothrom ionnsachaidh bho fhear, no gu dearbh am fear as fheàrr a thog caman riamh. Soraidh slàn le Ronaldo nan Gleanna - tha mi an amharas gum bi greis mus fhaic sinn a leithid a-rithist.

Càit’ a bheil na Caileagan sna Duilleagan Spòrs?

Chaidh mi troimh na duilleagan spòrs madainn Diluain ach chan fhaca mi iomradh sam bith air Kerry Nic a' Phì à Uibhist a Deas a ghlèidh duais nam boireannach aig Farpais Baidhsagal Beinne na h-Alba Didòmhnaich. Bidh cuimhne agaibh gun robh tòrr bruidhinn ann às dèidh Geamachan a’ Cho-fhlaitheis gum feumar barrachd aire a thoirt dha na diofar spòrsan aon uair ’s gum biodh na geamachan seachad. Thuirt mi aig an àm gur e an gnìomh a dhearbhadh co-dhiù a thachradh sin agus mar a chunna sinn cuideachd le sgioba ball-coise nam ban air an deireadh sheachdain cha d’fhuair iad ach criomag bheag aig bonn duilleag ann am fear dheth na pàipearan mòra Dòmhnach às dèidh àite ‘play-off’ a chosnadh airson Cupa na Cruinne ann an Canada an ath-bhliadhn’. Nam b’e sgioba nam fear a bha air sin a dhèanamh bhiodh e air na duilleagan aghaidh agus na duilleagan cùil fad grunn làithean! Gus an atharraich sin bidh e duilich do bhoireannaich is clann nighean òga dreuchdan is beòshlaint cheart a thoirt à spòrs.

Cailean MacIllEathain a’ leagail a’ Ghearastain le Sia Tadhail

Bha deagh dheireadh sheachdain cuideachd aig balach òg eile às na h-Eileanan Siar le Cailean MacIllEathain à Leòdhas a’ faighinn SIA, seadh sia tadhail airson Brora Rangers an aghaidh a’ Ghearastain ann an Lìog na Gàidhealtachd. B’e seo a’ chiad ghèam aig Cailean a’ tòiseachadh dhan sgioba bho ghluais e a-mach gu tìr-mòr agus fhuair e na tadhail gu lèir ann an gèam a chrìochnaich 6-2 aig Pàirce Chlaggan. Abair toiseach tòiseachaidh! Tha a bhràthair Màrtainn air cliù a chosnadh mar-thà do Bhrùra ann am meadhain na pàirce agus ma chumas Cailean, nach eil ach ochd bliadhn’ deug a dh’aois, a’ frasadh a-staigh nan tadhail mar a rinn e an aghaidh a’ Ghearastain, cò aig a tha fios càit an stad e.

Club Leòdhais sna Hearadh le Sùil air a’ Chupa

Bidh club ball-coise Leòdhais agus na Hearadh an dòchas gun toir sin misneachd dhaibhsan ’s iad a’ siubhal a chluiche Sutherland United anns a’ Chupa Chaileanach a Tuath Disathairne. Bha na balaich mì-fhortanach a dhol a-mach às a’ chupa seo an uiridh ach tha an taghadh air a bhith nas fàbharaiche dhaibh an trup sa agus bhithinn a’ sùileachadh gun tigeadh iad troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach.

Tha mi an amharas gum bi iad air mothachadh cuideachd gun do ghlèidh Arcaibh a’ chiad ghèam acasan sa Lìog Chaileanach a Tuath air an deireadh sheachdain an aghaidh Alanais 7-0. Tha club Leòdhais sna Hearadh air leigeil fhaicinn gu bheil miann aca cluiche san Lìog sin agus às dèidh an gnothach a dhèanamh air Arcaibh bho chionn ghoirid chan eil teagamh nach biodh iad comasach air ceann a’ mhaide a chumail ri sgiobannan aig an ìre sin. Mus tig a leithid sin gu buil ge-tà feumaidh iad taic airgid gu leòr fhaighinn a leigeadh leotha siubhal air ais ’s air adhart bho tìr-mòr agus ’s dòcha meòrachadh air nas lugha de gheamachan cupa a chluich aig an taigh, rud a bhrosnaicheas deasbad gu math inntinneach tha mi an amharas.