Main content

Sùil air Spòrs 280215

Aon latha dùisgidh mi agus innsidh cuideigin dhomh gur e droch aisling a bh’ ann gun robh FIFA dha-rìribh am beachd Cupa na Cruinne a chumail ann an Qatar. Tha sinn a-nis a rèir choltais a’ dol a chur clàr nan geamaichean ball-coise air feadh na Roinn Eòrpa bun-os-cionn gus an tèid aca air an fharpais spòrs as motha air an t-saoghal a chumail san t-Samhain agus san Dùbhlachd, leis a’ chuairt dheireannach ga chluiche dà latha ron Nollaig ann an 2022.

Bhiodh e duilich a chreidsinn mura b’ e ’s gu bheil e fìor ach a thuilleadh air a bhith gun chiall, tha adhbhar cudromach eile cuideachd carson nach bu chòir dhan fharpais a bhith a’ dol gu Qatar. Thuige seo tha còrr is 400, seadh 400 luchd-obrach - a’ mhòr-chuid dhiubh in-imrich bho Nepal - air am beatha a chall an lùib na pròiseactan gus pàircean ùra a thogail airson na farpais.

Stad is smaoinich mu dheidhinn sin. Gach daracha latha tha aon neach a’ call am beatha ann an ainm farpais spòrs. Ma leanas cùisean mar a tha iad tha cuid de dh’eòlaichean a’ tomhas gum faodadh suas ri 4000 am beatha a chall. Tha sin uabhasach ach airson adbhar air choireigin chan eil sinn a’ cluinntinn mòran mu dheidhinn, ach cho math ‘s a bhitheas e an fharpais a thoirt gu ceàrnaidh ùr dhen t-saoghal a tha a’ cur fortan ris a’ ghèam. Agus sin agaibh cnag na cùise a chàirdean, airgead.

Nam b’ e suidheachadh eile a bha seo, can nan robh deachdaire a’ marbhadh dhaoine gun adhbhar bhiodh sinn a’ cur a-staigh feachdan airm gus stad a chur air, ach le Qatar tha e mar gum biodh lannan a’ tuiteam air sùilean an t-saoghail an uair a thig e gu bhith a’ cur na prosbaig air na tha a’ dol air adhart san dùthaich seo ann an ainm Cupa na Cruinne.

Cuimhnich, seo dùthaich far a bheil geur-leanmhainn ga dhèanamh fhathast air boireannaich is daoine gèidh, far a bheileas a’ dèiligeadh ri luchd-obrach mar tràillean agus far a bheil e ceadaichte daoine a chuipeadh ma tha iad air an lagh a bhriseadh. Cha bu chòir do Chupa na Cruinne a bhith faisg a’ mhìle air Qatar, tha e cho sìmplidh ris an sin. An gabh stad a chur air? Bhiodh e math a bhith a’ smaointinn gun seasadh clubaichean is comainn nàiseanta an aghaidh seo, ach am bi iad làidir gu leòr gus seasamh an aghaidh FIFA agus Sepp Blatter, ’s e ceist eile tha sin.

Le seachd bliadhna fhathast ri dhol mus tòisich an fharpais, tha cothrom aig ball-coise, bhon luchd-taic chun na clubaichean, an gèam a thoirt air ais bho luchd an airgid, an rud ceart a dhèanamh agus stad a chur air a’ chulaidh-uamhais seo. Tha ball-coise sònraichte san t-seagh gu bheil comas aige daoine a tharraing còmhla ann an dòigh nach urrainn do spòrsan eile, ach far a bheil na ceudan a’ call am beatha ’s e prìs a tha sin nach d’ fhiach a phàigheadh airson farpais spòrs sam bith a chur air bhonn.

Deireadh sheachdain mhòr air fàire airson Andy Murray ann an Cupa Davis

Dhan fheadhainn a bhitheas fortanach gu leòr a bhith an làthair, tha cothrom air leth aig luchd-taic teanas Andy Murray fhaicinn air an starsach fhèin thairis air an deireadh sheachdain seo le sgioba Bhreatainn a’ cluiche nan Stàitean Aonaichte ann an Cupa Davis aig Arena nan Emirates an Glaschu. Sgrìobh mi an seo beagan sheachdainean air ais gun robh Alba an cunnart dìleab a’ Mhoirich a thilgeil air falbh agus ’s e cothrom eile a tha seo dha na h-ùghdarrasan teanas plana leasachaidh nas fheàrr a chur an cèill a thogas air an ìomhaigh a tha Andy agus a bhràthair, Jamie air a thoirt dhan spòrs an seo an Alba.

Bha Andy gu math diombach nach robh teanas mar phàirt de Gheamaichean a’ Cho-fhlaitheis an-uiridh agus faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi e airson làn-bhrath a ghabhail air a’ chothrom seo mu choinneamh muinntir a dhùthaich fhèin gus sgioba Bhreatainn a stiùireadh gu buaidh chudromach an aghaidh nan Stàitean. Bhiodh e math a bhith a’ smaointinn cuideachd gum bi an deireadh sheachdain na bhrosnachadh dhan ath ghinealach de chluicheadairean agus gum faigh iad an taic a tha a dhìth orra gus leantail ann an lorgan nam bràithrean Moireach.

Dave Mackay - cho cruaidh ris an iarrann ach le brògan meileabhaid

Bha mi fortanach coinneachadh ri Dave Mackay, a bhàsaich nas tràithe air an t-seachdain, bliadhnaichean air ais mar phàirt de shreath telebhisean san robh mi an sàs agus ged nach robh cuimhn’ ‘am air mar chluicheadair, bha mi eòlach air na bha e air a dhèanamh aig Hearts, Spurs agus Alba. Gu cinnteach bha mi air an dealbh ainmeil sin bho 1966 fhaicinn far an robh làn a dhùirn de ghrèim aige air lèine Billy Bremner aig White Hart Lane às dèidh droch ionnsaigh bho chluicheadair Leeds United.

Bha gràin bàis aig Mackay air an dealbh sin ’s e a’ faireachdain gun robh i ga shealltainn mar sheòrsa de bhurraidh air a’ phàirce. Ged a bha e cruaidh bha barrachd is sin ris a’ ghèam aige, mar a dh’innseas duine sam bith dhut aig a bheil cuimhne air an linn sin agus bha tuigse air leth aige ris an Èireannach deas-bhriathrach Danny Blanchflower ann am meadhain na pàirce airson Spurs. Gu dearbha, thuirt an cluicheadair ainmeil Eusebio gur e Mackay an 'wing half' a b’ fheàrr a chluich e an aghaidh. B’ e fìrinn na cùise mun dealbh sin gun robh MacKay air tilleadh air ais bho bhith air a chas a bhriseadh, chan e a-mhàin aon uair ach dà thuras. Smaoinich, a’ tilleadh air ais às dèidh faighinn seachad air cas bhriste agus an uair sin a’ briseadh an aon tè a-rithist sa chiad ghèam agad air ais. Sin a thachair do Dave Mackay agus sin a bu choireach gun robh e cho feargach an latha sin às dèidh do Bremner breab a thoirt dha mun aon chas.

Tha grunn sgeulachdan a dh’fhaodainn innse mu dheidhinn Mackay nam biodh barrachd rùm agam an seo, ach innsidh mi aon tè ghoirid a tha a’ toirt dealbh dhuinn air an seòrsa duine a bh’ ann. An uair a ghluais e gu Spurs bho Hearts chaidh càr ùr Jaguar le dath airgead a thoirt dha mar phàirt dhen chùmhnant aige. Cha robh an dath a’ còrdadh ri Dave còir ged-thà; mar sin chaidh e gu garaids an ath latha agus thug e orra a pheantadh às ùr. An dath? Dè eile ach maroon, dath Hearts, an sgioba a b’ fhaisge air a chridhe. Mar a thubhairt e fhèin cha robh e ag iarraidh ach dà rud - cluiche airson Hearts agus do dh’Alba. Fois shìorraidh do dh’anam fear dhe na cluicheadairean as fheàrr a chur air lèine ghorm na h-Alba riamh.