tv

Prìomh fhiosrachadh

Nuair a bhios i uabhasach fuar anns a' gheamhradh, 's dòcha gum bi sneachd ann. Dè th' ann an sneachd agus cò às a tha e a' tighinn?

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Cò às a tha sneachd a' tighinn
  • Mu dhiofar sheòrsaichean sneachda
  • Dè th' ann am bleideag dendrait
  • Dè th' ann an sneachd bog

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu shneachd.

Cò às a tha sneachd a' tighinn?

  1. Tha an èadhar làn .
  2. Nuair a tha i uabhasach fuar, bidh pàirt dhen uisge seo a' reothadh agus a' dol na chriostalan deighe.
  3. Bidh criostalan deighe eile a' fàs timcheall orra sin.
  4. Bidh na criostalan a' cruthachadh nam bleideagan sneachda -àԲ (sia taobhan).
  5. Ma thuiteas bleideagan sneachda tro èadhar a tha fuar agus tioram, bidh an sneachd coltach ri ù岹.
  6. Ma thuiteas iad tro èadhar a tha fliuch agus nas blàithe, bidh an sneachd fliuch. 'S e sneachd fliuch as trice a bhios againn ann an Alba.

Seall air na bleideagan sneachda seo

Chaidh an dealbh seo a thogail a' cleachdadh maicreasgop. Tha maicreasgop a' leigeil le luchd-saidheans rudan beaga, bìodach fhaicinn faisg.

Tha an dà bhleideag gu math eadar-dhealaichte agus toinnte, ach tha sia taobhan air na dhà.

Image caption,
Tha a h-uile bleideag sneachda diofraichte ach tha sia taobhan orra uile.
Back to top

  • sneachd – Sileadh nuair a ruigeas e ìre reothaidh agus a thèid e na theann-stuth.
  • -àԲ - Cruth le sia taobhan. Tha a h-uile bleideag sneachda -àԲ.
  • sileadh – Uisge sam bith a thuiteas às an adhar. Faodaidh uisge, sneachd, clach-mheallain no flinne a bhith nan sileadh.
  • sneachd bog – Measgachadh de dh'uisge is de shneachd.
  • bleideag dendrait – Bleideag sneachda thoinnte agus saoilidh tu gu bheil geugan oirre coltach ri craobh. Bidh iad air an cruthachadh nuair a tha i uabhasach fuar agus a tha tòrr taiseachd anns an èadhar.
Back to top

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh bàrdachd mu latha le sneachd ann.

Bhon a tha fios agad a-nis air tòrr mu shneachd agus cò às am bi e a' tighinn, feuch ri dàn a sgrìobhadh mu latha fuar geamhraidh.

Feuch an cleachd thu:

  • Cànan a bheir tuairisgeul math
  • Similidhean agus meataforan
  • Pearsanachadh

Ma dh'fheumas tu barrachd cuideachaidh le sgrìobhadh bàrdachd, tha cuideachadh a seo: Mar a sgrìobhas tu bàrdachd.

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic